Description
Tha eachdraidh iongantach aig Eilean Bhatarsaigh. Tro chainnt nan daoine fhèin, tha an leabhar seo a’ toirt sùil bheag air an eilean bho thoiseach an 20mh Linn chun an latha an-diugh. Gnothach na Raiders, mar eisimpleir, agus mar a thug an ùine a chuir deichnear seachad sa phrìosan an Dùn Èideann buaidh air strì an fhearainn ann an iomadach àite eile an Alba. Thug e crathadh air poilitigs, mar a tha Aonghas MacLeòid ag aithris.
Dhùisg iomairt Bhatarsaigh muinntir an àite agus chaidh meuran den Land League a stèidheachadh air feadh Bharraigh goirid às a dhèidh.
Am b’ fhiach an spàirn ge-tà? Tha Lisa Storey a’ beachdachadh air mar a dh’atharraich gnothaichean thairis air an 20mh Linn. Thàinig cabhsair ann an 1991 agus buaidh na choid, math is dona. Ciamar a chaidh do Bhatarsaigh thar nam bliadhnaichean? Dè a-nis an saoghal a tha ro mhuinntir an àite?