Margaret Ford

Chaidh Mairead NicIllFhialain a thogail air Eilean Seòna ann an Loch Mùideart agus bha i riamh air a cuairteachadh le ceòl oir ‘s e deagh phìobaire a bha na h-athair. Bha e anns na Scots Guards aig àm a’ chogaidh ach thill e dhachaigh a dh’obair air an aiseag dhan eilean. Bha guth math cuideachd aig a màthair, Mòrag Chamshron, a bhuineas do dh’Àiridh Bheagaig, faisg air Àth Tharracail.

Thòisich Mairead a’ seinn aig còig bliadhna a dh’aois agus bhon uair sin tha i air a bhith a’ seinn aig cèilidhean, cuirmean-chiùil agus Mòdan, an dà chuid ann an còisirean agus leatha fhèin.

Choisinn i Bonn Òr Tìm an Òbain ann an 1994, Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1995, agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 1996. Ghlèidh i an duais eadar-nàiseanta airson seinn san t-seann nòs aig an Fhèis Phan-Cheilteach ann an Èirinn, ann an 1997.

A bharrachd air a bhith a’ seinn air feadh Alba, tha Mairead air siubhal gu Ceap Breatainn, an Eadailt agus Èirinn, agus tha i air nochdadh air iomadach prògram air rèidio agus telebhisean. Tha ùidh shònraichte aice ann an òrain taobh an iar Loch Abair.