Sgoil Fhèill Brìde 2023
Sgoil Fhèill Brìde 2023
Tha Ceòlas toilichte a bhith a’ cur Sgoil air-loidhne air dòigh anns a’ Ghearran 2023 le clasaichean ann an Gàidhlig, seinn, ceòl agus dannsa agus tachartasan air an oidhche

Ann an dualchas nan Gàidheal, chaidh Latha Fhèill Brìde a chumail air a’ chiad latha dhen Ghearran, a’ comharrachadh a’ chiad latha dhen Earrach agus a’ bhliadhna chroitearachd a’ tòiseachadh.
Tha fàilte romhaibh uile pàirt a ghabhail ann an sgoil shònraichte air-loidhne, le cothrom a bhith ag ionnsachadh bho luchd-teagaisg air leth ann an cànan, ceòl, dannsa agus òrain nan Gàidheal.
Am-measg na bhios a’ dol bidh:
- trì làithean de chlasaichean air-loidhne eadar 10m agus 3f eadar Diluain 13mh agus Diciadain 15th Gearran
- Taigh-Cèilidh Là Naomh Bhaileintin ga chraoladh beò à taigh ann an Uibhist a Deas oidhche 14mh Gearran
- cuirm traidiseanta air a chraoladh beò à Cnoc Soilleir oidhche 16mh Gearran
Tiocaid airson nan clasaichean & tachartasan oidhche dìreach £120!
Oidean
Tha sinn air leth toilichte gum bi an luchd-teagaisg a leanas còmhla rinn aig Sgoil Fhèill Brìde:
Catrìona Nic an t-Saoir | Gàidhlig |
Catrìona NicIlleDhuibh | Gàidhlig |
Màiri NicAonghais | Òrain Ghàidhlig |
Robbie Greig | Fìdheall |
Seonaidh Mac an t-Saoir | A’ Phìob Bheag |
John Carmichael | Bocsa-ciùil |
Sophie Stephenson | Dannsa-ceum |
Clàr-ama
Seo agaibh clàr-ama nan clasaichean
Tuilleadh fiosrachaidh
Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an-seo
Tha sinn uabhasach taingeil do Social Enterprise Academy agus A’ Mhaoin-Dualchais airson taic a chumail ri Sgoil Fhèill Brìde

