Tachartasan > Ùrarachd – Deireadh-sheachdain Còmhnaidheachd Chruthachail

Ùrarachd – Deireadh-sheachdain Còmhnaidheachd Chruthachail

17mh Cèitean – 19mh Cèitean 

Ri aimsir chiùin ’s gach meal do dhriùchd, 

Bu taitneach leam bhith shuas ann –  

Gheibhinn sìth gun diomb’ le còisir-chiùil 

A b’ fheàrr na ionntas luachmhor ann.

Dòmhnall Iain Dhonnchaidh

Tha Ceòlas air leth toilichte aoigheachd a thabhann do dheireadh-sheachdain còmhnaidheachd chruthachail airson seinneadairean, sgrìobhaichean-òrain agus luchd-ciùil.  Bidh an deireadh-sheachdain dà-chànanach tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla, agus bidh e a’ gabhail àite ann an Cnoc Soilleir ann an Dalabrog.  Tha Cnoc Soilleir, an dachaigh shònraichte aig Ceòlas, mar cho-chompàirteachas eadar Ceòlas agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Tuath, an Iar is Innse Gall, suidhichte ann an Dalabrog ann an Uibhist a Deas, agus air a chuairteachadh le cruthan-tìre brosnachail a cheadaicheas cothrom is ùine air meòrachadh, agus òrain is fuinn a chruthachadh ’s a leasachadh. Le  tràighean geala bòidheach an taoibh shiar agus cnuic fhradharcach a’ cuairteachadh an taoibh shear, ’s e tèarmann de shàmhchair chruthachail a th’ ann an Uibhist. 

Tha sinn air ar dòigh fàilte a chur air dithis choidseachan a bhios a’ ruith sheiseanan agus a bhios an-còmhnaidh ri làimh airson com-pàirtichean a threòrachadh thairis air an deireadh-sheachdain.

Tha an Dr Pàdruig Moireasdan à Griomsaigh agus ’s e sgrìobhaiche-ciùil, sgrìobhaiche-òrain, is ceòladair ioma-ionnsramaideach co-aimsireil a th’ ann. Tha e mar aon de na buill stèidheachaidh air a’ chòmhlan Beinn Lee.  Tha e air a bhith bogte a-riamh ann an dualchas de bheul-aithris agus de sheanchas traidiseanta.

Is e Co-Eòlaiche Rannsachaidh ann an Ceiltis is Gàidhlig a th’ anns an Dr Alasdair C. MacIlleBhàin ann an Sgoil nan Daonnachdan aig Oilthigh Ghlaschu. ’S ann à Eilean Mhuile a tha e, agus ’s e seinneadair Gàidhlig cliùiteach a th’ ann a thuilleadh air a bhith na bhàrd, sgrìobhaiche-ciùil, rèitiche-ciùil agus preasantair. Tha ùidh mhòr aige ann am beul-aithris, cànanachas, litreachas agus òran.

Dreach Clàr-ama –

Dihaoine 17mh Cèitean –  

4.00f –                  Ruighinn, cur-an-aithne is lìonraidheadh 

5.00f –                  Sgrìobhadh òrain is fuinn – faighinn brosnachadh agus coileanadh air ur beachd-smuaintean – Alasdair is Pàdruig  

6.00f –                  Dìnnear – thoiribh leibh ur dìnnear fhèin / gheibh sibh tì, cofaidh is briosgaidean air an làraich.

7.00f –                  Meòrachadh air a’ phròiseas chruthachail ann an doimhneachd – Alasdair is Pàdruig 

8.00f –                  Cuairt feasgair – togail-inntinn aig dol-fodha na grèine – cuairt machrach is tràighe (roghainneach / le toil na h-aimsire)  

Disathairne 18mh Cèitean –  

9.30m –                Mion-sgrùdadh air bàrdachd Ghàidhlig – meatair, comhardadh agus prìomh fheartan bàrdachd thraidiseanta – Alasdair 

no Ùine Chruthachail Fèin-stiùirichte

11.00m –             Fuinn – modhan-obrach traidiseanta is co-aimsireil a’ gabhail a-steach stoidhlichean cluiche agus còrdan – Pàdruig 

no Ùine Chruthachail Fèin-stiùirichte

12.30f –                Ùine Chruthachail Fèin-stiùirichte – bidh coidseachan ri làimh airson taic.

2.00f –                  Lòn ri fhaotainn 

2.00f –                  Cruthachadh òran is fonn còmhla – Alasdair is Pàdruig 

no Ùine Chruthachail Fèin-stiùirichte 

4.00f –                  Cuairt suas Beinn Aisgeirbheinn – sealladh brosnachail bhon mhullach. 

7.30f –                  Alasdair MacIlleBhàin agus Pàdruig Moireasdan – cuirm-chiùil. 

Didòmhnaich 17mh Cèitean–  

10.00m –             Mion-sgrùdadh òrain – Pàdruig  

11.00m –             Mion-sgrùdadh òrain – Alasdair  

12.00f –                Cuairt gu Tràigh is Machair Staoinebrig – pasgain lòin rim faotainn.   

2.00f –                  Ùine Chruthachail Fèin-stiùirichte – coidseachan ri làimh airson taic.

4.00f –                  Roinn agus co-dhùnaidhean.                                        

7.00f –                  Seisean taigh-seinnse.                    

Cosgais –  

£160 gach com-pàirtiche a’ gabhail a-steach lòn agus cead a-steach don chuirm-chiùil Disathairne.

£340 gach com-pàirtiche a’ gabhail a-steach 3 oidhcheannan leabaidh is bracaist, lòn agus cead a-steach don chuirm-chiùil Disathairne.  

Thoiribh an aire nach eil dìnnear an lùib an reat seo. 

Eileamaidean ròghnachail den chlàr-ama –

  • Carson nach tig sibh a dh’Uibhist ron àm / no fuireach às dèidh an deireadh-sheachdaine – thoiribh feum à àite inntinneach ann an Cnoc Soilleir saor ’s an-asgaidh.  
  • A bheil sibh ùr don Ghàidhlig no dìreach ag ionnsachadh? Thigibh còmhla rinn airson clas Ghàidhlig roghainneil ann an Cnoc Soilleir air Dihaoine aig 2.30f.   
  • A’ coimhead ri trac a chlàradh? Faodaidh sibh cuideachd ar stiùidio fhastadh airson ur ceòl a chlàradh – cosgaisean a bharrachd an seo.

Feumar clàradh ro Dhihaoine 19mh Giblean leis an fhoirm Google a leanas. Thoiribh an aire nach tèid an deireadh-sheachdain air adhart, mura h-eil sinn comasach air an àireamh riatanach as ìsle de chom-pàirtichean a choileanadh.