
Symposium Cheòlais 2021
Ar Cànan
Aig Chridhe Ar Coimhearsnachd
An Caladh, Bhaile a Mhanaich
Dihaoine 3mh An t-Sultain, 2.00 – 8.00 pm


Tha Ceòlas air a bhith ag obair còmhla ri Oilthigh Ghlaschu airson cùrsa ùr, Bliadhna Bogaidh Ghàidhlig. Gheibh oileanaich a’ chùrsa cothrom tighinn a dh’Uibhist fad tri seachdainean airson Gàidhlig a chluinntinn anns a’ choimhearsnachd
Chuir Covid-19 bacadh air na h-oileanaich a tadhal air Uibhist anns an t-Earrach 2021, mar sin chaidh cùrsa bogaidh air-loidhne a chruthachadh agus bhideothan an clàradh le taic mhòr bhon choimhearsnachd.
Chuir beartas na cànain iognadh air an sgioba, Ceòlas agus an luchd-teagaisg agus mholadh sinn gun robh tòrr againn ri ionnsachadh mun chànan, sgeulachdan, eachdraidh agus cultar UIbhist.
Tha sinn air tarraing a staigh teòmachd cànanach bho Oilthigh Dhùn Èidinn airson barrachd tuisge fhaighinn dhen goireas a chruthaich sinn.
Tha am pròiseact seo cuideachd air toirt air barrachd còmhraidhean mu na sgeulachdan ann an Uibhist agus an luach a th’ aig Gàidhlig, ar Canan, aig Cridhe ar Coimhearsnachd.



Dihaoine 3 mh Sultain,
10.00 – Gillebrìde Mac’IlleMhaoil (Oilthigh Ghlaschu) – Cudromachd a’ chùrsa bogaidh
11.30 – Dr Will Lamb (Oilthigh Dhùn Èideann)
Eadar-dhealachadh ann an dual-chainnt bho Èirisgeidh gu Beàrnaraigh: dùbhlan do choimpiutaran a tha a’ feuchainn ri Gàidhlig a thuigsinn?
1.30 – Sgrùdadh air cleachdadh agus atharrachadh cànain le deasbad panail.
3.00 – Prof. Wilson MacLeod (Oilthigh Dhùn Èideann)
Tradisean, ùrachadh agus ath-bheòthachadh
Gus clàradh a dhèanamh
Feuch an cuir thu fòn gu oifis Ceòlas gus àite a ghlèidheadh
01878 700154
no cuir post-d gu info@ceolas.co.uk
agus cuiridh sinn ceangal thugaibh air Zoom.
