Tachartasan > Symposium
Symposium
Bidh Ceòlas a’ ruith symposium dualchais gach bliadhna gus daoine, àiteachan, tachartasan agus cleachdannan ionadail a shònrachadh. ‘S ann tro mheadhan na Gàidhlig a thèid na symposia a ruith sa mhòr-chuid, a’ toirt cothrom do luchd-tadhail a bhith air am bogadh ann an cainnt na coimhearsnachd.
‘S àbhaist dha bhith ga ruith cola-deug an dèidh sgoil shamhraidh Ceòlas, gus a bhith a’ snìomh a-steach dha Fèill Àiteachais. Bidh òraidean, còmhraidhean, bùithtean-obrach, cuairtean treòirichte agus cèilidhean a’ dol.
Thèid symposium 2021 a ruith aig deireadh an Iuchair, eadar 23-24 den Iuchar.
Sna bliadhnaichean a chaidh seachad, tha na symposia air sùil a thoirt air:
- an Cogadh Mòr,
- biadh is deoch thradaiseanta,
- Clann Mhuirich
- Gèirinis,
- An Càrnan,
- Caolas,
- an t-Ìochdar,
- Tobha Mòr,
- Tobha Beag,
- Snaoiseabhal,
- Stadhlaigearraidh,
- Dreumasdal,
- Lagh a’ Chladaich,
- Lìgidhean agus lochan.
