Sgoil Shamhraidh

Tacharstasan Choimhearsnachd

Cèilidhean Beò Cheòlais agus Tachartasan Air-loidhne

Diluain 5mh An t-Iuchar : 8.00f

Oidhche Phìobaireachd BEÒ– Southend Community Hall

le Seonaidh Mac an t-Saoir, Joseph Nicholson agus na phìobairean òga Uibhist agus Bharraigh. Airson a’ cumail ris na riaghaltan Covid-19, agus airson ’s gu bheil àireamh chuibhrichte de shuidheachain, faodaidh bucadh ri dhèanamh leis a’ bhith fònadh oifis Cheòlas air feasgar Dhiardaoin (1mh) 2.00 – 5.00f

Fòn – 01878 700154

Dimàirt 6mh An t-Iuchar : 4.30 – 6.30f

Cuairt Bhàta

Siùil mun cuairt na h-Eileanan a Deas le Uist Sea Tours. Choinnich aig Acarsaid, Èirisgeidh. Clàraich an seo

Dimàirt 6mh An t-Iuchar : 9.00f

Cèilidh Sheinn – Air-loidhne (Facebook)

le Màiri MacAonghais, Eilidh NicCarmaig, Gillebrìde MacIlleMhaoil, Griogair Lawrie, agus tòrr a bharrachd.

Diciadain 7mh An t-Iuchar : 8.00f

Cèilidh Bheinn Lee BEÒ – Southend Community Hall

A’ cluich airson a chiad turas bho an glasadh-slaugh, tha Beinn Lee deiseil airson toirt dhuinn a cheòl iongantach aca agus airson faighinn ar casan a’ gnagail a rithist.

Le aoigh sònraichte Màiri NicIlleMhaoil, a tha a-nochd a’ foillseachadh an albam ùr aice, Gu Deas.

Airson a’ cumail ris na riaghaltan Covid-19, agus airson ’s gu bheil àireamh chuibhrichte de shuidheachain, faodaidh bucadh ri dhèanamh leis a’ bhith fònadh oifis air feasgar Dhiardaoin (1mh) 2.00 – 5.00f

Fòn 01878 700154

Diardaoin 8mh An t-Iuchar : 3.30f – 7.00f

Chuairt Mheanais

Cuairt de dheagh fhaid gu Meanais a tha a toirt 3 gu 4 uairean, air a stiùireadh le Alasdair MacEachainn. Coinnich aig pàirc-chàraichean Ruabhal. Clàraich an seo

Diardaoin 8mh An t-Iuchar : 9.00f

Cèilidh Fhidheall – Air-loidhne (Facebook)

Cruinneachadh eireachdail le feadhainn de na fìdhlearan as fheàrr à gach taobh dhen Cuan Siar le Troy MacIlleBhràtha, Alasdair MacIlleBhàin, Archie MacAlastair, Melody Chamshron, agus Iain MacPhàrlain a measg tòr eile.

Dihaoine 9mh An t-Iuchar : 9.00f

Ceilidh Mòr – Air-loidhne (Facebook)

An Cèilidh mu dheireadh de seachdain Sgoile Shamhraidh Cheòlas le òrain bho na luchd-teagaisg agus aoighean sònraichte Ingrid NicEanraig, Fin & Hamish Moore le Sarah & Christine Hoy. Oidhche nach dhìochuimhnichidh sibh!