Prògram

Prògram na Sgoile Samhraidh

Tha an sgoil shamhraidh a’ ruith bho 9m-4f DiLuain gu DihAoine, le crìochnachadh nas tràithe DiCiadain (3f). Tha taghadh air clasaichean – ciad, dàrna agus treas roghainn – a’ leigeil leis na h-oileanaich barrachd air aon chuspair fheuchainn, a’ fàgail gu bheil tuigse nas fhèarr aca air mar a tha na diofar ealainean Gàidhealach ag obrachadh còmhla. Bidh clas do chiad roghainn agad dà thuras san latha, agus clas do dhàrna roghainn agad aon turas san latha, le aon chlas Gàidhlig do na h-uile – a bhios ga ruith clas ma seach ri linn na tràth bìdhe – agus aon chlas feasgar.

Clas Gàidhlig do na h-Uile

Frithealaidh gach oileanach ionnsachadh ann an cànan na Gàidhlig, a rèir na h-ìre aca fhèin. Tha ìrean nan clasaichean ri fhaighinn an seo [PDF].

Ceistean Bitheanta (FAQs)

Càit am bi clasaichean a’ tachairt? Dè dh’fheumas mi airson clas dannsa-ceum? Seo agad liosta de cheistean bitheanta.

Prògram Coimhearsnachd

Tha an sreath de thachartasan feasgair agus oidhche air aon de na rudan as prìseile mun sgoil shamhraidh, a’ gabhail a-steach cuairtean, seiseanan-chiùil sna taighean-òsta, agus dannsaichean is cèilidhean sna tallaichean-baile. Tha na taighean-cèilidh do dh’oileanaich na sgoil shamhraidh a-mhàin, agus tha prìs air an doras aig gach tachartas eile (nach eil an cois prìs na sgoile samhraidh). Thèid am program fhoillseachadh mun Ògmhios 2021.