Tha prìs na sgoil shamhraidh (£275) a’ gabhail a-steach teagaisg tron t-seachdain a-mhàin (chan eil sin a’ gabhail a-steach cuirmean is dannsaichean oidhche): ciad roghainn, dàrna roghainn, clas measgachaidh agus clas Gàidhlig. Tha ìre nan Eilean (£180) ann don fheadhainn a tha nan còmhnaidh sna h-Eileanan an Iar.
Do dhaoine òga aois 14-17, tha ìre na h-òigridh (£75) ann, faic clasaichean pìobaireachd & fìdhlearachd na h-òigridh. Do cheòladairean aois 16-25 a tha a’ fuireach ann an Alba, tha làn sgoilearachd ann mu choinneamh cìs na sgoile, air a mhaoineachadh le Urras Ceòl na Gàidhealtachd.
£275 | Làn-phrìs |
£180 | Prìs do mhuinntir nan Eilean Siar |
£75 | Prìs na h-òigridh (14-17) |
Pàighte | Urras Ceòl na Gàidhealtachd (16-25) |