Troy MacGilleBhràtha

’S ann à Lanark, Alba Nuadh, a tha Troy MacGilleBhràtha agus tha ceithir chlàran aige: Musical Ties (2001), Boomerang (2003), Eleven (2005) agus Live at the Music Room (2008).

Eadar iomadh cuirm aig Celtic Connections gu tursan gu British Columbia, Toronto, Ottawa, Boston is Chicago gu bhith a’ farpais ann an Farpais Mhòr Fìdheall Chanada, abair gu bheil tàlant aig Troy.

Tha e san fhuil aige. ’S fhada on a bha Clann ’IlleBhràtha is Clann Dòmhnaill ann an Lanark aithnichte an lùib dualchas Gàidhealach Ear-thuath na h-Albann Nuaidhe. Tha seanair Troy, Ùisdean A. Dòmhnallach, anns a’ Nova Scotia Country Hall of Fame airson na rinn e às leth dualchas Gàidhealach na mòr-roinne. Tha ceòl aig athair ’s a mhàthair agus choisinn a phiuthar, Kendra, Duais Ceòl a’ Chosta an Ear dà thuras leis an fhìdheall. Bidh a phiuthar eile, Sabra, a’ dannsa agus a’ cluich nan drumaichean. Ged as ann a’ dannsadh, a’ cluich a’ phiano neo na fìdhle, tha dualchas làidir Gàidhealach aig Troy a’ tighinn troimhe gu follaiseach.