Stan Chapman

’S e tìdsear is cluicheadair fìdhle aithnichte a th’ ann an Stan Chapman. ’S ann à Ceap Breatainn a tha e o thùs agus bha e ag ionnsachadh ann an Conservatory Thoronto. Chaidh ùidh a thogail san ionnsramaid o athair is bhràthair athar a bha nam fìdhlearan cuideachd.

Tha Stan, a bha na thìdsear bun-sgoile, a’ fuireach sa Bhaile Mhòr, Alba Nuadh, Canada. Tha e an dèis a bhith a’ teagasg na fìdhle fad còrr is dà fhichead bliadhna gu mòran oileanaich a’ gabhail a-steach Natalie Nic a’ Mhaighstir, Ashley NicÌosaig, Wendy NicÌosaig, Màiri NicFhraing agus Dawn Pheutanach. Bha e na stiùiriche air Comann Fhìdhlearan Cheap Breatainn agus buidhnean òigridh eile.

Tha e air bùthan-obrach a lìbhrigeadh ann an Canada, Sealainn Nuadh agus ’s Na Stàitean, cho math ri Colaisde na Gàidhlig fad còig air fhichead bliadhna. Tha e na òraidiche phàirt-ùine ann an Cultar is Dualchas aig Oilthigh Cheap Breatainn, far am biodh e a’ teagaisg fad sia bliadhna deug.

Seo a’ chiad turas aig Stan gu Ceòlas, agus nach sinne a th’ air ar dòigh!