Seonaidh Mac an t-Saoir

‘S ann à Loch a’ Chàrnain, an Uibhist a Deas, a tha Seonaidh , sgìre a tha air a bhogadh an ceòl is òrain dhualchasach. Thog e a-mach HNC ann an ceòl tradaiseanta o Cholaiste Bheinn na Faoghla (LCC UHI) mus do dh’fhalbh e a dh’Oilthigh Shrathchluaidh far an robh e a’ foghlam Applied Music. Tha nòs nan Eileanan a-Muigh aige agus e a’ tarraing air an dùthchas aige mar Ghàidheal òg. Fhuair e ionnsachadh bho Dhòmhnall Bàn Dòmhnallach cho math ri Iain is Ailean Ghleann Ùige fhad ’s a bha e san oilthigh. Bidh e cuideachd a’ seinn, a’ cluich na fìdeig, na pìoba bige, agus a’ cluich anns a’ chòmhlan Trail West.