Sarah Hoy

Thogadh Sarah Hoy ann an teaghlach làn chiùil. Thog i an fhìdheall aig aois 8, ag ionnsachadh bho h-athair Derek, fìdhlear leis a’ chòmhlan Albannach, Jock Tamson’s Bairns, agus bhon bhana-fhìdhlear, seinneadair is dannsair Màiri Chaimbeul.

Air dhi ionnsachadh na fìdhle na h-òige, bha e an dàn dhi gun teannadh i ris an teagasg. Bha i a’ teagasg agus a’ cluich aig Celtic Connections, Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, Fèis Fìdheall Dhùn Èideann agus air ‘Heat The Hoose 2′, cruinneachadh de na fìdhlearan Albannach as fhèarr. Tha Sarah tric aig Ceòlas. Ged a tha i na tìdsear bun-sgoil, tha i a’ cumail oirre a’ teagasg agus a’ cluich ceòl tradaiseanta agus i na ball den chòmhlan-dannsa Bella McNabs.