Mìcheal Steele

‘S ann à Taobh a Deas Loch Baghasdail a tha Mìcheal. Bha e na oileanach fad bhliadhnaichean aig Ceòlas sna clasaichean òigridh agus inbheach, cho math ri bhith ag ionnsachadh aig Sgoil Chiùil na Gàidhealachd sa Phloc mus d’fhuair e ceum BMus ann an Ceòl Tradaiseanta – Pìobaireachd, air a’ chiad urram on Chonservatoire Rìoghail ann an Glaschu. Le blas làidir Gàidhealach air a chuid pìobaireachd, tha Mìcheal air a bhith an sàs ann an iomadh pròiseact chiùil tro na bliadhnaichean, agus tha e cuideachd na bhall dhe ‘Beinn Lee’. Tha a’ phìobaireachd na fhuil, agus buinidh e do PM Seonaidh Steele, PM Dòmhnall an Rossaich Moireastan agus Aonghas Moireastan. Seo a’ chiad turas do Mhìcheal a bhith na neach-teagaisg aig Ceòlas.