Tachartasan > Sgoil Shamhraidh > Luchd-teagaisg > Màiri Nic ‘IlleMhaoil

Màiri Nic ‘IlleMhaoil

Màiri NicIlleMhaoil – Gu Deas

A’ chiad CD aig Màiri, – Gu Deas – a leigeil ma sgaoil agus faodaidh tu a cheannach an seo.

‘S ann à Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas a tha Màiri. Dh’ionnsaich Màiri mòran de na h-òrain a bhitheas i a’ seinn bho Iseabail T Dhòmhnallach agus mar as trice ‘s e òrain a chaidh a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas a bhitheas i a’ seinn.  Tha i air a bhith a’ teagasg òrain Ghàidhlig agus cànan Gàidhlig do dh’inbhich agus do chloinn aig iomadh fèis air feadh Alba agus nas fharsaing.  Seo a’ chiad turas aig Màiri a’ bhith a’ teagasg aig Ceòlas.

Tha i a-nist a’ fuireach agus ag obair ann an Glaschu.