John Pellerin

Às a’ Bhaile Mhòr, ann an Alba Nuadh, thòisich John a’ dannsa aig aois 4 fo stiùir Mairearad NicIlleDhuinn agus Mgr Aonghas MacDhòmhnaill, nach maireach. Thòisich e a’ cluich na fìdhle aig aois 10, fo stiùir Stan Chapman. Cha mhòr nach eil John air a bhith dèanamh dannsa-ceum fad 50 bliadhna, agus e air cluich ann an Canada, USA agus an Èireann.

Bha e a’ dannsa san dealbh-chluiche “The Well” ann am Baile Átha Cliath, Èireann, aig Co-labhairt Fìdheall Ceann a Tuath a’ Chuain Siair ann an Obar Dheathain, Alba, agus air teagaisg aig Sgoil Dannsa-ceum Cheap Breatainn ann am Màbu cuide ri Colaisde na Gàidhlig ann an Bàgh Naomh Anna, Alba Nuadh.

Tha sinn air ar dòigh fàilte a chur air chun na 25mh sgoile samhraidh.