Jayne NicLeòid

’S ann à Nis, Leòdhas, a tha Jayne NicLeòid agus thòisich i le dannsa Gàidhealach o aois òig. Chunnaic i dannsa-ceum an tòiseach aig Mats Melin agus a’ bhuidheann Dànnsa is iad air cuairt do choimhearsnachdan dùthchail a’ taisbeanadh ’s a’ brosnachadh dannsa tradaiseanta. Bhon uair sin, thàinig i a Cheòlas gu ionnsachadh o na dannsairean a b’ fheàrr, an leithid Frank McConnell, Sandra Robasdan, Màiri Janet NicDhòmhnaill agus Harvey Peutan. Tha i air teagasg ’s air dannsa thar nam bliadhnaichean aig Taigh Dhonnchaidh, Fèis Cheilteach Innse Gall, Celtic Conenctions agus aig Disneyland Paris. Bidh i cuideachd a’ dannsa cuide ri caraidean sa bhuidheann-dannsa Ceum air Cheum.