Gillebrìde Mac ‘IlleMhaoil

’S e Uibhisteach a th’ ann an Gillebrìde. ’S e am mac as òige aig Niall Sheonaidh Nèill à Gearraidh Bhailteas agus Ann Dhòmhnaill Ailean ’Illebhrìde à Baghasdal. ’S e Gàidhlig a chiad chànan agus cànan an teaghlaich. B’ e deagh phìobaire a bha na athair agus bha ceòl, sgeulachdan agus seinn anns an taigh fad an t-siubhail.

Tha Gillebrìde ag obair na neach-teagaisg ann an Oilthigh Ghlaschu agus na eadar-theangair Gàidhlig a bharrachd a bhith a’ seinn gu tric aig fèisean agus cèilidhean. Tha e air seinn agus air seinn a theagasg ann an iomadach àite ann an Alba, An Roinn Eòrpa agus anns Na Stàitean Aonaichte.

’S e ‘Air Fòrladh’ an dàrna clàr aige Gillebrìde. B’ e ‘Thogainn Ort Fonn!’ a’ chiad chlàr aige agus tha e cuideachd air seinn air clàran eile leithid ‘Na Seòid’ còmhla ris a’ chòmhlan sin agus ‘Home to Argyll’ – cruinneachadh dhe na h-òrain aig Ethel NicCaluim

Tha pàirt mar bhàrd Chlann Choinnich aig Gillebrìde anns an t-sreath telebhisean Outlander.