Gabe McVarish

Thogadh Gabe McVarish ann an Ceann a Tuath Chalifornia, far an tàinig na daoine aige an dèidh dhaibh falbh à Mòrar, rathad Eilean Eòin (Taobh Sear Chanada) agus Coluimbia Bhreatannach.

Ràinig Gabe Alba aig aois 17 ’s e air sgoilearachd cuide ri Aonghas Grannd, am fìdhlear ainmeil às a’ Ghearasdan. Chuir e roimhe fuireach san sgìre agus chaidh e do Mhòrar, às an do dh’fhalbh a shin-shin-sheanar. ‘S e Mòrar an aon sgìre sam faighear Clann ‘icMharais san rìoghachd seo.

Cheumnaich Gabe on RSAMD le BA ann an Ceòl Albannach ann an 2003.

Thug e a-mach clàr, ‘Eclection’, ann an 2010 sam bheil cothlamadh de cheòl na fìdhle à dà thaobh a’ Chuain Siair agus Sruth na Maoile. Thug e a-mach leabhar chiùil agus clàr, ‘The Gabe McVarish Collection of Traditional and Contemporary Melodies from Scotland, Ireland and Maritime Canada’, ann an 2017.

Tha e na chòmhnaidh an Eilean Eige, far chladaichean Àrasaig, far am bi Gabe a’ cluich sa chòmhlan Dàimh, a’ teagasg ann an sgoiltean na sgìre, agus a’ grùdadh cuid dhen leann as fhèarr a thig às na Garbh-Chrìochan (mura tig à Alba!) aig Taigh-grùdaidh Bàgh na Lathaig, a thòisich e cuide ri a cho-eileanach Stuart McCarthy.

“California’s golden boy has recorded a solo album, and it’s 24 carat” Alex Monaghan, folkworld.de

“a major force in the Celtic music world … awesome … truly outstanding arrangements, all excellently produced … should be compulsory listening, both as an example of individual expertise and of collective understanding of the essence of great music.” Gordon Potter, The Living Tradition

www.gabemcvarish.com