Frank MacConnaill

Rugadh is thogadh Frank MacConnaill ann an Glaschu, ann an teaghlach le ceanglaichean làidir ri Uibhist. Rinn e an trèanadh airson a bhith na thìdsear PE, ach an uair sin, fhuair e eòlas air dannsadh, is tha e air slighe eile a gabhail. Às dèidh dha trèanadh a dhèanamh le Royston Maldoom at the Arts ann an Fìobha, tha an ùidh aige ann an ealain is a bhith cruthachail air fàs, ach tha fhathast aige dìorras do dh’fhoghlam nas fharsaing.

Dh’imrich e dhan Ghàidhealtachd ’s a bhliadhna 1994 airson a bhith ag obair mar ‘dancer-in-residence’ do Chomhairle Sgìre Rois is Crombaidh, is a bhith leasachadh sgilean dannsa-ceum Albannach. ’S a’ Chèitean 2000, bha e am measg na ciad daoine ann am Breatainn a fhuair Fellowship bhon National Endowment for Science, Technology and the Arts (NESTA).