Cathy-Ann Nic a’ Phì

Rugadh Catrìona-Ann Nic a’ Phì, aon de na seinneadairean Gàidhlig as cliùitiche na ginealach, ann am Barraigh ann an 1959. Le guth binn làidir agus deagh chuimhne do bhriathran nan òran mòra (a fhuair i aig a màthair agus a seanmhar), bha i tric a’ gabhail òrain aig cèilidhean san eilean.

Nuair a bha an stiùiriche drama Mairead Rosach a’ cur ri chèile Fir Chlis, an companaidh theatre Gàidhlig, fhuaireadh lorg air an t-seinneadair aois 17 bliadhna. An dèidh 3 bliadhna ag actadh agus a’ seinn aig Fir Chlis, leigeadh ma sgaoil a’ bhuidheann agus chaidh Cathy-Ann an lùib na buidhne theatre 7:84, a’ faighinn ionnsachadh bho John McGrath. Bha iad a’ falbh air turais fada is farsaing, don Roinn Eòrpa agus a-null a Cheap Breatainn, An dèidh taigh-cèilidh ann an Sanndraigh, bha fhios aice gun tilleadh i a Chanada a-rithist.

Thug Ian Green aig Greentrax Records oirre grunn chlàradh a dhèanamh gus a binn-ghuth a sgaoileadh do luchd-èisteachd na b’ fharsaing. Tha beatha-obrach car measgaichte air a bhith aice, bho sheinn beò ann an tallachan-ciùil thar na Roinn Eòrpa agus Aimeireagaidh, gu clàradh, teagasg Gàidhlig do chloinn is inbhich, obair an tbh – a’ gabhail a-steach ‘Can Seo’ agus agallamhan beò le seinneadairean tradaiseanta cliùiteach – tha iarraidh oirre ann an Alba, eadhon ged a dh’imich i a dh’Ottawa, Canada, bho chionn 18 bliadhna, le a duine agus a dithist chloinn, Mairead agus Alasdair.

Chaidh Cathy-Ann a thoirt a-steach dhan Scots Trad Music Hall of Fame bho chionn ghoirid agus tha i a-nise air imprig a dhèanamh a dh’Albann Nuaidh, far a bheil i ag obair gun sgur. Nas fhèarr buileach, tha i leathach-slighe nas fhaisge air an dachaigh aice! Fàilte air ais a Cheòlas, a Chathy-Ann!