Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein

Rugadh is thogadh Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein ann an Leòdhas agus bha ceòl a dhùthchais timcheall air o aois òig. Tha e am measg prìomh sheinneadairean Gàidhlig na dùthcha, agus e air am Bonn Òr, an t-Seann Nòs agus am Pan-Cheilteach a ghlèidheadh.

Tha e san fhuil aig Calum. Bha athair, Seonaidh Beag, sna Lochies. Thug e ionnsachadh sa phìob aig PM Iain Moireastan.