Aonghas MacNeacail

’S ann à Slèibhte an Eilein Sgitheanaich a tha Aonghas MacNeacail. B’ e pìobairean a bha na dhithist sheanair, fear às an Eilean agus fear às Uibhist a Deas, na athair agus bràthair athar. ’S e seinneadair Ghàidhlig a tha na mhàthair. Thòisich e cluich aig aois 10 agus b’ iad na tìdsearan a bh’ aige Iain MacPhàidein agus Iain Dòmhnallach.

’S math as aithntear e le muinntir Uibhist agus tha fèill mhòr air a’ phìobaireachd aige.