Alana NicAonghais

Bana-dheasach, bidh Alana NicAonghais a’ seinn na pìoba mòire/bige agus na duiseil. Fhuair i HNC ann an ceòl tradaiseanta bho Cholaiste a’ Chaisteil, Beinn na Faoghla, fo stiùir Anna-Wendy Stevenson agus Iain Ghlinn Ùige Dhòmhnallaich. Lean i oirre le ceum ann an Gàidhlig agus Ceòl aig Sabhal Mòr Ostaig.

Bidh Alana a’ teagasg tric aig fèisean agus sgoiltean ciùil. Tha i an sàs sa chòmhlan Canach, a bhios a’ cluich tòrr phort is òran a sgrìobh iad fhèin. Tha iad air mòran chuirmean a chluich iad fhèin agus bidh iad tric a’ cur taic ri ceòladairean an leithid Simon Bradley Trio, Mairearad Green & Anna Massie agus Kathleen NicAonghais & Fiona Hunter. Bidh Alana cuideachd a’ teagasg air Scoil Samhraidh Willie Clancy ann an Sráid na Cathrach, Éire.