Cànan na Gàidhlig (ciad & dàrna roghainn)
Clasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh aig diofar ìrean, bho thòiseachd-tòiseachaidh gu luchd-meadhanach adhartach, air a ghabhail le Gàidheil le Gàidhlig on ghlùin. Bidh gràmar, fuaimneachadh, gnàthasan-cainnt agus sgilean còmhraidh gan teagaisg.
Ailig ‘Bhaltos’ Dòmhnallach, Catrìona Nic an t-Saoir, Catrìona NicIlleDhuibh, Gillebrìde Mac ‘IlleMhaoil
Gàidhlig do na h-Uile (clas do gach aon)
Bidh gach oileanach a’ faighinn ionnsachadh ann an cànan na Gàidhlig, ge brith dè an ìre aig a bheil iad. Bidh seisean do fhileantaich ann cuideachd. Gheibhear na h-ìrean an seo [PDF].
Cùrsa ‘Seanchas’ (sa Ghàidhlig, ciad & dàrna roghainn)
’S e cùrsa tro mheadhan na Gàidhlig a th’ ann an ‘Seanchas’ a bhios a’ sgrùdadh seanchas na Gàidhlig anns na diofar chruthan aige, uaireannan a’ cur feum air cruinneachaidhean sgrìobhte agus fuaim clàraichte. Bheir e cothrom do dh’oileanaich a bhith a’ cluinntinn an dà chuid Gàidhlig nàdarra bheairteach Uibhist agus mu dheidhinn pàirt mhòr chudromach de dhùthchas nan Gàidheal.
Ged a dh’fheumas oileanaich a bhith fileanta airson a dhol air a’ chùrsa seo, bithear a’ faighinn cuideachadh a thaobh ghnàthasan-cainnt agus faclan dualchainnte, far a bheil sin iomchaidh.
Aonghas Iain Dòmhnallach & John Joe MacNèill