Tachartasan > Cùrsaichean Bogaidh

Cùrsaichean Bogaidh

Ged a chaidh na cùrsaichean bogaidh a chur dheth ri linn a’ choròna-bhìoras, tha sinn a’ tabhainn clasaichean zoom air loidhne – cuir teachdaireachd gu Shona Masson aig shona@ceolas.co.uk airson barrachd fiosrachaidh.

Immersion

Airson do chuid Gàidhlig a thoirt am feabhas ann an suidheachadh coimhearsnachd? Bidh clasaichean a’ gabhail a-steach ionnsachadh gnìomhach, bùthan-obrach agus tursan timcheall an eilein, airson do thoirt a-mach sa choimhearsnachd Uibhisteach, a’ bruidhinn Gàidhlig. Tha cùrsaichean ann airson luchd-tòiseachaidh gu fileantaich, agus bithear ag ionnsachadh gràmair, sgilean còmhraidh, agus lèirmheas is daingneachadh. Togaidh oileanaich Gàidhlig nàdarra an latha an-diugh, mar a thèid a chleachdadh anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

’S ann an Uibhist a Deas a tha na ceudad as àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba agus tha cuid de na coimhearsnachd as treasa sa Ghàidhlig air an t-saoghal an seo. Tha Ceòlas Uibhist air a fhreumhachadh ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas, a’ cur ri glèidheadh agus brosnachadh na dìleib Ghàidhlig shònraichte a th’ aig a’ choimhearsnachd.