Às an Tobar

Às an Tobar 2023

Bidh Às an Tobar, Fèis Leabhraichean Cheòlais, a’ tachairt 10/11mh dhen t-Samhain 2023. Tuilleadh fios ri thighinn nas fhaide air adhart sa bhliadhna – tha sinn an dòchas ur faicinn ann!

Cuiribh fios thugainn ma tha sibh eòlach air leabhar ùr a bhios a’ tighinn a-mach am-bliadhna a tha a’ buntainn ri Uibhist, cànan no cultar na Gàidhlig. No, ma tha seann leabhar a ghabhas a chleachdadh mar phàirt de thachartas – mar eisimpleir a’ comharrachadh ceann-bliadhna, nach leig sibh fios thugainn?