Tha Symposium na bliadhna a’ coimhead air eilthireachd is ceud bliadhna on a dh’fhalbh an SS Marloch a Chanada às na h-Eileanan an Iar – faicibh am prògram gu h-ìosal

Dihaoine 28mh dhen Ghiblean

8f

Cuirm Phìobaireachd

Talla an Ìochdair, £10 air an doras

Ceòl na pìoba bho phìobairean ionadail

Disathairne 29mh dhen Ghiblean

11m

Cuairt Sliabh na h-Àirde: Eilthireachd & Eachdraidh

An-asgaidh, ann an co-bhonn le Comunn Eachdraidh Bheinn na Faoghla

Àitichean cuingichte – cuiribh post-d gu info@ceolas.co.uk airson bucadh & barrachd fiosrachaidh

2f

Taisbeanadh Fosgailte & Òraid

Taigh-tasgaidh Chill Donnainn, An-asgaidh

Òraid le Gillebrìde MacIlleMhaoil air slighe an SS Marloch

7.30f

Còmhlan Cèilidh Ghleann Fhionnainn

Cèilidh aig Talla Staoinibrig

£10 / £5 (fo aois 12) – tiocaidean airson teaghlaich air an doras