Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Uibhist
Tha Ceòlas agus buill Com-pàirteachas Coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist air leth toilichte ainmeachadh gu bheil Joe MacNèill air fhastadh mar Oifigear Leasachaidh Gàidhlig.
Chì an dreuchd, a tha air a làn mhaoineachadh fad bliadhna le Bòrd na Gàidhlig, leasachadh air poileasaidh agus plana ùr Gàidhlig do dh’Uibhist. Bidh Joe ag obair gu dlùth le buidhnean treas roinne, prìomh luchd-ùidhe eile agus a’ choimhearsnachd gus poileasaidh agus plana ùr-ghnàthach a leasachadh agus a chur an gnìomh.

Thuirt Joe, “Tha mi air leth toilichte a bhith a’ gabhail na h-obrach seo. ’S e cothrom iongantach a tha seo air a bhith ag obair gu dlùth le buidhnean eile air feadh Uibhist, gus leasachadh a dhèanamh air an obair ionmholta a tha a’ gabhail àite mar-thà nar coimhearsnachdan. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair tarsainn Uibhist gus an cànan a chuideachadh agus a neartachadh.”
Tha Joe a’ toirt leis sreath de dh’eòlas fada chun na dreuchd a’ gabhail a-steach a dhìoghrais don Ghàidhlig agus a cultar.
Thuirt Seònaid NicDhòmhnaill, ball de Chom-pàirteachas Coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist agus ball de Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath, “Tha mi glè thoilichte fàilte a chur air Joe don dreuchd. Tha Joe a’ tighinn a-steach aig àm a tha fìor chudromach don Ghàidhlig ann an Uibhist. Bidh beartachadh air an obair mhòr a tha a’ tachairt a-cheana sa choimhearsnachd againn fìor chudromach, a thuilleadh air plana a chur na àite a mheudaicheas cleachdadh is faicsinneachd na Gàidhlig air an eilean againn.”
Thuirt John Joe MacNèill. Ceannard Cheòlais, “Tha mi a’ cur fàilte air Joe don dreuchd ùir seo. Tha sinn a’ cur fàilte air com-pàirteachas agus taic Bhòrd na Gàidhlig agus sinn a’ leantainn air adhart ag obrachadh còmhla, a’ sireadh chothroman ùr-ghnàthach a cheadaicheas don Ghàidhlig soirbheachadh tarsainn ar coimhearsnachdan. Taing mhòr do Chom-pàirteachas Coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist airson an cuid taic leantainnich. Bidh Joe na bhuannachd air leth do leasachadh na Gàidhlig ann an Uibhist.”
Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig, “Tha poileasaidh agus plana ionadail air a leasachadh taobh a-staigh coimhearsnachd Uibhist, do choimhearsnachd Uibhist, na cheum brosnachail air adhart ann an leasachadh na Gàidhlig. Tha Bòrd na Gàidhlig air a mhisneachadh leis an adhartas a tha dèante ann an leasachadh a’ mhodail seo, a tha air ath-dhaingneachadh le com-pàirteachas is conaltradh taiceil, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis gach neach a tha na lùib gus a chomas a choileanadh.”