Àrd-Oifigear

Dreuchd: Làn-ùine agus maireannach

Stèidhichte ann an Uibhist a Deas, Na h-Eileanan an Iar

Tuarastal: £40,000

Ceann-latha: Meadhan-latha, Dimàirt 17mh Lùnastal

Tha Ceòlas ag obair còmhla ri sgioba Bruce Tait Associates airson Àrd-Oifigear Ùr a shireadh dhan bhuidheann. 

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mun obair ri fhaotainn an-seo.

Bidh e an urra ris an Àrd-Oifigear a bhith a’ gluasad Ceòlas gu soirbheachail gu Cnoc Soilleir, a’ gabhail stiùir air leasachadh gnothachais, a’ leasachadh agus a’ toir fàs air luchd-obrach na buidhne, agus a’ cruthachadh chothroman ùra ann an co-bhann le OGE. Bidh iad cuideachd a’ leasachadh phrògraman airson ’s gun cùm Ceòlas a’ dol le bhith a’ brosnachadh agus a’ cur air adhart cànan, dannsa, ceòl, cultar agus dualchas na Gàidhlig. Bidh an t-Àrd-Oifigear ag obair mu choinneamh a’ phoball agus cuideachd a’ dèanamh ceanglaichean le buidheanan agus coimhearsnachdan air feadh nan Eilean, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta. Tha suidheachadh agus ion-obrachadh ionmhasail, agus so-sheasmhachd na buidhne, an urra ris an Àrd-Oifigear. 

Tha Ceòlas ag iarraidh gum bidh Gàidhlig aig an Àrd-Oifigear le comas dearbhte ann a bhith a’ cleachdadh a’ chànain, cuide ri ùidh mhòr ann an cultar is dualchas na Gàidhlig agus cultar agus na h-ealain san fharsaingeachd. Feumaidh deagh eòlas a bhith aig an neach a thaobh rian a chumail air gnothaichean gnìomhachais cho math ri sgilean air leth ann a bhith a’ cumail buidseatan agus ionmhas. Bidh iad eòlach air a bhith a’ togail airgid agus bidh sinn an dùil gum bidh eòlas agaibh a thaobh maoineachadh a lorg agus mar a chruthaicheas sibh sruthan teachd-a-steach bho iomadach àite. Tha e riatanach gum bidh sàr-sgilean aig an neach a thaobh stiùireadh pròiseict, agus feumar eòlas ann a bhith a’ co-dhealbhadh agus a’ treòrachadh pròiseactan mòra le com-pàirtichean. Bidh sgilean conaltraidh làidir aig an Àrd-Oifigear, agus bidh iad comasach agus eòlach ann a bhith a’ togail dhàimhean agus a’ tagradaireachd. Feumar a bhith uabhasach làidir a thaobh a bhith a’ stiùireadh agus a’ dèiligeadh le luchd-ùidh, agus misneachail ann a bhith ag obair le daoine aig a h-uile ìre. ‘S e an t-Àrd-Oifigear prìomh cheannard na buidhne, mar sin bidh sibh a’ stiùireadh sgioba-obrach Cheòlais agus feumar eòlas ann a bhith a’ stiùireadh sgioba agus luchd-obrach air leth. 

Mar a chuireas sibh a-steach airson na h-obrach

Cuiribh post-dealain thugainn aig recruitment@brucetaitassociates.com no cuir fòn air 01786 542 224 airson pasgan fiosrachaidh agus tuairisgeul obrach.

Tha sinn a’ moladh gun cuir sibh fios thugainn ron cheann-latha airson ùine a thoirt dhuinn beachdachadh air iarrtasan. 

Ceann-latha son iarrtasan: Meadhan-latha, Dimàirt 17mh Lùnastal

Latha nan agallamhan: Diluain 30mh Lùnastal