Iain Dòmhnallach (a’ Whaler) – Stiùiriche Ealain
’S ann à Gleann Ùige, am Mùideart, a tha Iain, ach tha e a-nis a’ fantail am Beinn na Faoghla agus e air a bhith ag obair do Cheòlas bho 2004 a-mach. ’S e Iain am bràthair a b’ òige de na pìobairean ainmeil Dòmhnallach, agus tha e air a bhith an sàs ann an ceòl agus sna h-ealain fad a bheatha. Thòisich e mar cho-stèidhichear a’ chiad Gaelic Repertory Theatre Co sna Hearradh. Bha e a’ dèanadh dràma agus a’ cluich do chaochladh chompanaidhean agus chòmhlan: 7;84, Ossian, Battlefield Band, Wolfstone, msaa agus e air siubhail thar an t-saoghail leotha. Bha e 6 bliadhna mar Cheòladair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig.