Luchd Obrach

Iain Dòmhnallach (a’ Whaler)
Stiùiriche Ealain
’S ann à Gleann Ùige, am Mùideart, a tha Iain, ach tha e a-nis a’ fantail am Beinn na Faoghla agus e air a bhith ag obair do Cheòlas bho 2004 a-mach. ’S e Iain am bràthair a b’ òige de na pìobairean ainmeil Dòmhnallach, agus tha e air a bhith an sàs ann an ceòl agus sna h-ealain fad a bheatha. Thòisich e mar cho-stèidhichear a’ chiad Gaelic Repertory Theatre Co sna Hearradh. Bha e a’ dèanadh dràma agus a’ cluich do chaochladh chompanaidhean agus chòmhlan: 7:84, Ossian, Battlefield Band, Wolfstone, msaa agus e air siubhail thar an t-saoghail leotha. Bha e 6 bliadhna mar Cheòladair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig.

Peigi Ann NicIlleMhaoil
Manaidsear na h-Oifis
Thogadh Peigi Ann an Èirisgeidh agus tha i a’ fantail am Frobost, Uibhist a Deas, còmhla ri a duine agus triùir chloinne. Chaidh i gu Colaiste Chaer Dòmhnaill far an do thug i a-mach NC ann am foghlam agus cùram-chloinne. Tha i air a bhith ag obair an Sgoil Dhalabroig fad 11 bliadhna agus tha i ag obair do Cheòlas mar Manaisdear na h-Oifis.

John Joe MacNeill
Ceannard
Tha John Joe à Barraigh bho thùs ach tha e a-nis a’ fuireach ann an Loch Aoineart ann an Uibhist a Deas. Thòisich John Joe mar Cheannard na buidhne san t-Samhain 2022. Mus do ghluais e a dh’ Uibhist, bha John Joe ag obair aig Oilthigh Dhùn Èideann mar Òraidiche ann am Foghlam Gàidhlig agus roimhe sin mar Cheannard air Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar. ’S e seinneadair agus stiùiriche-ciùil còisir a th’ ann an John Joe. Coisinn John Joe bonn-òir an t-seann nòis aig a’ Mhòd ann an Loch Abar ann an 2017, agus bhuannaich e bonn-òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an Inbhir Nis ann an 2021. Tha e a’ stiùireadh Còisir Ghàidhlig Bharraigh, mnathan Chòisir Ghàidhlig an Òbain agus Binneas.

Shona Masson
Oifigear Foghlaim Gàidhlig
’S ann à Cinnseborg anns an Eilean Sgitheanach a tha Shona Masson, agus tha i air a bhith an lùib ceòl traidiseanta on a bha i òg is i a’ cluich na fidhle agus piana. Chaidh i gu Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd agus an dèidh sin gu Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Ghlaschu far an d’fhuair i ceum ann an Gàidhlig. Bha i fad iomadach bliadhna ag obair an lùib na Gàidhlig ann an Glaschu, aig Oilthigh Ghlaschu, DASG agus An Lòchran, agus cuideachd a’ teagasg agus a’ cluich aig Fèisean agus tachartasan air feadh na dùthcha. Mun do ghluais i a dh’Uibhist bha i na Leas-Riochdaire aig Caledonia TV ann an Glaschu far an robh i ‘g obair air iomadach prògram Gàidhlig a leithid Fuine, Sàr-Sgeòil, Dealbhan Fraoich agus Mach À Seo. Bha i cuideachd na preasantair air prògram Trusadh agus an sreath ‘Dreach Ùr’.

Anndra Muncaster
Oifigear nam Meadhanan Sòisealta
‘S ann à Sliabh na h-Àirde ann am Beinn a Faoghla a tha Anndra, le ceanglaichean làidir ri Chreag Ghoraidh. Dh’ ionnsaich e Gàidhlig bho Foghlam tro Mheadan na Gàidhlig agus bho’n teaghlach aige, is e air tòiseachadh ag obair le Ceòlas tro Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach ann an 2021. Lean e air ag obair còmhla rinn mar Oifigear nam Meadhanan Sòisealta, fhad ‘s a bha e a’ fuireach ann an Cill Rìmhinn a’ deànamh ceum ann an Cruinn-eòlas. Tha ùidh mhòr aige ann an cànan is cultar nan Gàidheal, gu h-àirid na ceanglaichean eadar cultar agus nàdair – neo ‘dùthchas’. Tro a bhith ag obair aig Ceòlas tha an cothrom air a bhith aige piseach a thoirt air an chuid Gàidhlig, agus cuideachd a leudachadh na fhios aige mu àrainneachd, eachdraidh agus cultar Uibhist.