Mar dèidhinn > Dreuchdan Bàna

Dreuchdan Bàna

Tha na dreuchdan bàna a leanas aig Ceòlas san sgioba obrach:


PREANTAS RIANACHD GNOTHACHAIS IS MARGAIDEACHD DHIDSEATACH

Dreuchd 1 bhliadhna (le coltas làidir air cosnadh leantainneach) | Tuarastal bho £20,000 Neach-labhairt Gàidhlig riatanach

Ann an co-obrachadh le ar com-pàirtiche ionnsachaidh – Cothrom, tha Ceòlas a’ coimhead ri Preantas Rianachd Gnothachais is Margaideachd Dhidseatach fhastadh.  Leanaidh an nuadh-phreantasachd seo gu farpais shoirbheachail de SVQ ìre 3 ann an rianachd gnothachais. Is e dreuchd aon bhliadhna a tha seo le coltas làidir air cosnadh a’ leantainn. 

Tha Ceòlas creideasaichte mar Fhastaiche Tuarastal Bith-beò.

Gus tagradh airson na dreuchd seo, feuch gun cuir thu litir còmhdaich tagraidh còmhla ri do Chunntas Beatha (CV) gu – johnjoe@ceolas.co.uk.  Nam bu mhath leat barrachd fiosrachaidh mun dreuchd fhaotainn no ceistean sam bith agad, na biodh leisg ort fios a chur gu John Joe MacNeil, Ceannard – johnjoe@ceolas.co.ukno air a’ fòn gu 01851 770711. 

Bidh tagraidhean a’ dùnadh air Diluain 2na Dàmhair aig 9m.