Seonaidh Mac an t-Saoir
‘S e neach-ciùil a th’ ann an Seonaidh agus buinidh e do Loch a’ Chàrnain ann an Uibhist a Deas, far an robh e air a chuairteachadh le ceòl is òrain Ghàidhlig agus gu sònraichte, le pìobaireachd. Thug e a-mach HNC ann an Ceòl aig Colaiste Bheinn a Faoghla agus an uair sin chaidh e gu Oilthigh Srath Chluaidh far an d’rinn e ceum ann an Ceòl. Tha na freumhan aige anns na h-eileanan, am-measg choimhearsnachd Ghàidhlig, a’ tighinn troimhe gu làidir na chuid cheòl. Fhuair e oideachadh bho aois òg o Chalum Caimbeul, Donnchadh MacGilleFhialain agus Dòmhall Bàn Dòmhnallach, agus tro na cùrsaichean Oilthighe bha Iain agus Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige) ga stiùireadh.
Bidh Seonaidh cuideachd a’ seinn agus a’ cluich an fhideig, a’ phìob bheag agus pìob nan Crìochan. Tha e air a chumail gu math trang a’ cluich le còmhlain a leithid Trail West, Seudan, The League of Highland Gentlemen agus Urban Teuchtars. Tha e cuideachd air duaisean a bhuannachadh, nam measg, “Còmhlan Dannsaidh na Bliadhna” aig Duaisean Traidiseanta na h-Alba ann an 2013 agus 2016 le Trail West, agus thog The League of HIghland Gentlemen duais “Up and Coming Act of the Year” ann an 2015.