Lena NicIlleFhialain
‘S e bana-Dheasach a th’ ann an Lena, agus bha i roimhe air comataidh is bòrd Cheòlais. Tha dà thaobh do bheatha-obrach Lena, eadar ionmhas agus brosnachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd. Tha i ag obair do RBS mar Bhancair Pearsanta. B’ i Lena a bha ag obair sa choimhearsnachd anns a’ chiad 2 bhliadhna nuair a thòisich an sgoil shamhraidh le PnE agus Hamish Moore. Bhiodh Lena a’ seinn na pìoba na h-òige agus ‘s fìor thoil leatha gach seòrsa dannsa Albannach. Thòisich i Club Dannsa Tradaiseanta Naoimh Pheadair agus bha i ga ruith fad 20 bliadhna mus do sguir i air adhbharan slàinte.