Mar dèidhinn > Bòrd-stiùiridh > Julia Nic Ìosaig

Julia Nic Ìosaig

Rugadh Julia ann an Glaschu agus tha a màthair à Gearraidh na Monadh, Uibhist a Deas; agus tha a h-athair à Nasg, Barraigh.

Tha i a’ pòsda ri Iain à Acàrsaid Mhòr, Èirisgeigh agus tha i air a bhith a’ fuireach an sin airson sia bliadhna.  Tha i gnìomhach anns a’ choimhearsnachd, agus tha i ag obair pàirt-ùine ann an Oifis a’ Phuist Èirisgeigh.  Roimhe sin bha i ag obair airson 17 bliadhna aig NHS Greater

Glasgow mar P.A. gu Stiùiriche Seirbheisean de Slàinte Inntinn agus 12 bliadhna leis a’ chompanaidh uisge-beatha J&B Scotland Ltd.

Bha i gu math gnìomhach sa choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Glaschu mar bhall de chòisir Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn fad iomadh bliadhna agus bha i na Ceannard air Comann Uibhist is Bharraigh Ghlaschu  cuideachd – agus an sàs anns a’ chiad aonad Gàidhlig aca a-riamh.

Tha i na ball de bhòrd na sgoile cuideachd agus na ball air mòran chomataidhean is bhuidhnean eile sa choimhearsnachd.   Tha Julia an sàs ann Dannsa Traidiseanta an Naoimh Pheadair mar mar an t-eagraiche.