Iseabail NicAonghais
Bidh Iseabail NicAonghais ag obair do NHS Eilean Siar mar Health Protection and Screening Nurse Specialist. Ann an 2018 fhuair Isabell duais Winston Churchill Travelling Fellowship, a leig leatha siubhal dha Na Stàitean, Canada agus an Fhraing gus coinneachadh ri eòlaichean ag obair air gartan agus an tinneas Lymes. Ann an 2019 chuir Iseabail crìoch air MSc ann an Infection Prevention and Control agus bha an tràchdas aice a’ coimhead air buaidh an tinneis Lymes air maitheas na beatha.
Bha Isabell roimhid air comataidhean chròileagan agus sgoiltean agus bha i na cathraiche air Fèis Tìr a’ Mhurain fad sia bliadhna. Tha i an ceart uair na rùnaire do Thalla Staoinebrig a tha a’ co-òrdanachadh pròiseict luach £21,000 gus ionad-èiginn a leasachadh aig an talla.