Mar dèidhinn > Bòrd-stiùiridh > Ailig O’ Henley

Ailig O’ Henley

Tha Ailig air a bhith ag obair mar neach-naidheachd UEFA ann an Alba bho 2004 agus tha e aithnichte dhan choimhearsnachd Ghàidhlig mar chraoladair agus neach-aithris airson BBC Alba agus Radio nan Gàidheal. Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna ann an 2016, b’ e Ailig a’ chiad Oifigear Gàidhlig a bh’ aig Pàrlamaid na h-Alba eadar 2000-2002 a’ stèidheachadh ’s ag àbhaisteachadh follaiseachd agus cleachdadh na Gàidhlig anns gach raon de dhòighean-obrach na Pàrlamaid. As dèidh ceumnachadh bho Oilthigh Ghlaschu chuir e seachad bliadhna a’ cruinneachadh faclan Gàidhlig sna h-Eileanan a Deas airson pròiseact Faclair na Gàidhlig mus deach e a-steach gu craoladh mar dheasaiche agus leughadair-naidheachdan aig a’ BhBC agus b’e a’ chiad phreseantair air a’ phrògram naidheachd telebhisean, Eòrpa. Sna bliadhnaichean mu dheireadh tha Ailig air barrachd ùine a chur seachad a ruidh cruit an teaghlaich ann an Uibhist a Deas a thuilleadh air obair mar chraoladair ball-coise.