Is e an rathad a-steach air dualchas beò Gàidhlig a th’ ann an Ceòlas. Bidh a’ bhuidheann a’ brosnachadh agus a’ fàs ceòl tradaiseanta, cànan, cultar agus dualchas, le bhith a’ co-obrachadh ri coimhearsnachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta aig a bheil na h-aon h-amasan.




Nar n-obair:
- Brosnaichidh sinn leasachadh eaconamach is sòisealta còmhla ris a’ choimhearsnachd ionadail, a’ tàladh luchd-turais agus a’ cruthachadh chothroman.
- Glèidhidh agus neartaichidh sinn na ceanglaichean eadar Uibhist a Deas agus Ceap Breatainn, cho math ris a’ chòrr den diaspora Cheilteach.
- Cruthaichidh sinn cothrom air oideachadh barraichte bho luchd-ealain phroifeiseanta àrd-chomasach, a’ dèanamh cinnteach gu bheil sàr-theagasg is ionnsachadh ann do na h-uile.
- Sgaoilidh sinn ar cuid eòlais agus cuiridh sinn ri iomairtean aig buidhnean ealain eile an leithid dràma, ceòl, dannsa agus film.
Bho chaidh a stèidheachadh ann an 1996 le Hamish Moore le taic Phròiseact nan Ealan, tha Ceòlas air fàs bho sgoil chiùil is dhannsa fad-seachdain gu bhith aon de na prìomh bhuidhnean airson cultar, dualchas agus ealain na Gàidhlig ann an Alba. Bidh sinn ag obair gus dìleab shònraichte an eilein a ghlèidheadh agus a bhrosnachadh. Tha ar ceòl, cànan, agus cultar na dhualchas beairteach prìseil a tha a’ seasamh gu daingeann agus tha Ceòlas gu dealasach ag aiseag ar dìleib chun an ath ghinealaich. Thathar an-dràsta an sàs ann am pròiseact mòr co-oibreachail còmhla ri Colaisde a’ Chaisteil UHI, gus ionad aig Cnoc Soilleir, Dalabrog, a stèidheachadh airson ceòl na Gàidhlig, dannsa is dualchas.
Tha Ceòlas a’ fastadh 6 luchd-obrach fo sgèith bòrd-stiùiridh de 9, le taic bho chomataidh coimhearsnachd. Mar aithneachadh air na thathar a’ cur ri eaconamaidh agus coimhnearsnachd na sgìre, chaidh Ceòlas ainmeachadh airson grunn duaisean:
- HIE & Daily Mail An Duais Coimhearsnachd, Dualchais & Tursachd (Geàrr-liosta 2018).
- An Crannchur Nàiseanta Good Causes Award (Geàrr-liosta na Rìoghachd Aonaichte 2016).
- MG Alba & Daily Record An Duais Ealais & Chultarach (Geàrr-liosta 2016).
- MG Alba & Daily Record An Duais Eadar-nàiseanta airson ar n-inbhe agus ar n-oibre eadar-nàiseanta (Buannaiche 2015).
- Bòrd na Gàidhlig & Daily Record Gàidhlig mar Sho-mhaoin Eaconamaigeach (Buannaiche 2014)
- MG Alba & Daily Record Duais Eadar-nàiseanta na Gàidhlig airson Ceòlas EOST (Geàrr-liosta 2013)
- Duais Thistle na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, Turasachd Culturail (Geàrr-liosta 2012)
- MG Alba Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna (Buannaiche 2008)
Nam bu toil leibh taic a chumail rinn gus gnothaichean a chur air dòigh a thaobh ceòl na Gàidhlig, dannsa agus dualchas, air neo ar n-ionad airson Uibhist, biomaid a’ cur fàilte air tabhartasan beag na mòr.
Aithisgean Bliadhnail
Cunntasan Ionmhasail