Dachaigh > Clàradh do Sgoil Shamhraidh Ceòlas a’ fosgladh còmhla ri sreath de thachartasan tron bhliadhna 2023

Clàradh do Sgoil Shamhraidh Ceòlas a’ fosgladh còmhla ri sreath de thachartasan tron bhliadhna 2023

Fosglaidh clàradh do Sgoil Shamhraidh ainmeil Ceòlas air Diciadain 1ad Gearran. Thèid an tachartas bliadhnail seo, a thòisich ann an 1996, a chumail ann an togalach Cnoc Soilleir a tha air ùr-thogail ann an Dalbrog air eilean Uibhist a Deas – mòr-ionad foghlaim is cultair na Gàidhlig ann an àite a tha aig cridhe a’ chànain, co-iomairt eadar Ceòlas agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Chì an Sgoil Shamhraidh a bhios a’ tòiseachadh air Didòmhnaich 2na Iuchar, luchd-compàirt a’ tighinn còmhla bho air feadh na cruinne gus seachdain de dh’oideachadh ann an Gàidhlig, òran, ceòl agus dannsa a fhrithealadh, còmhla ri stòras de cheòl beò gach feasgar.  

Bidh Caitrìona Anna Nic a’ Phì à Eilean Bharraigh ach a tha a’ fuireach ann an Halifax Alba Nuadh, aig a bheil sàr-chliù mar sheinneadair Gàidhlig agus dìleas do a dualchas, a’ stiùireadh na sgioba de dh’oidean a tha uile aig ìre chruinneil. A’ nochdadh cheanglaichean ciùil làidir na fèise eadar Uibhist a Deas agus Ceap Breatainn, bidh an cluicheadair ioma-ionnsramaideach Kyle Dòmhnallach a’ tilleadh airson na dàrna bliadhna aig an fhèis, agus còmhla ris bidh Kolten MacDonell airson a’ chiad uair, a tha à Gleanna Comhan ann an Ceap Breatainn, agus a bhios a’ cluich na fìdhle is piàna a thuilleadh air a bhith na shàr dhannsair-ceum. Còmhla ris a’ bhuidheann à Ceap Breatainn am-bliadhna bidh Gerard Beaton a-rithist gus dannsa-ceum a theagasg aig ìre adhartach.   

A’ toirt oideachas ann an cànan, còmhradh is gràmar na Gàidhlig, bidh Gillebride MacIlleMhaoil à Uibhist, seinneadair Gàidhlig, bàrd, sgrìobhaiche ciùil agus aon de rionnagan Outlander. Anns an sgioba, bidh àireamh de na h-oidean àbhaisteach a’ gabhail a-steach Màiri NicIlleMhaoil, seinneadair à Uibhist a Deas agus buannaiche dhuaisean, am proifeiseantach mheadhanan agus dannsair-ceum tàlantach Jayne NicLeòid à Leòdhas, Ingrid NicEunraig, aon de na cluicheadairean ioma-ionnsramaideach as grinne ann an Loch Abar, a’ teagasg clàrsach, agus am pìobaire, seinneadair, sgrìobhaiche-ciùil is beul-aithrisiche à Mùideart, Ailean Dòmhnallach, a’ teagasg Ceòl Mòr is Òrain Pìobaireachd. Anns an sgioba cuideachd, bidh Ruairidh Gray a bhuannaich dà Bhonn Òir aig Mòd 2022 agus buannaiche Seinneadair Gàidhlig Traidiseanta na Bliadhna 2022 aig MG Alba, ri làimh gus cluich do chlasaichean ainmeil nan Ruidhlichean is Quadrilles.  Gheibhear làn-liosta de thaoitearan air an làraich-lìn againn aig www.ceolas.co.uk.     

Am measg an t-sreath de thachartasan coimhearsnachd làitheil tron t-seachdain, bidh clas air Seanchas (Beul-aithris), clas a’ taisbeanadh dannsaichean ionadail agus a’ chuairt ainmeil coisich le drama còmhla ris an t-seinneadair ’s an neach-eachdraidh ionadail, Dòmhnall Ruairidh Cambeul.  Am measg nan tachartasan air an fheasgar, bidh a’ chèilidh fhosglaidh oidhche Dhòmhnaich, òrain Ghàidhlig oidhche Luain, agus chì oidhche Mhàirt cuirm de cheòl à Ceap Breatainn, agus taisbeanadh de pìobaireachd a’ toirt tlachd do luchd-èisteachd oidhche Chiadain. Diardaoin, bidh oidhche de dhannsa agus ceòl fìdhle, agus thig an t-seachdain gu crìch leis a’ Chèilidh Mhòir inbheil a’ toirt mòr-thaisbeanadh don raon de thàlant a thàinig am bàrr thairis air an t-seachdain. Tha Ceòlas air leth toilichte a bhith a’ sruthadh cuid de shusbaint an fheasgair air feadh an t-saoghail tro àrd-ùrlaran mheadhanan sòisealta agus YouTube.  Tha Ceòlas ag obair ann an com-pàirteachas le Keith Moireasdan, Innleadair Stiuidio Albannach na Bliadhna 2022 aig MG Alba, bhon Wee Studio ann an eilean Leòdhais. Bidh tuilleadh fiosrachaidh mu shruthadh ri fhaotainn a dh’aithghearr. Tha barrachd fiosrachaidh mu na tachartasan agus clàradh ri fhaighinn aig www.ceolas.co.uk.   

Bidh Sgoil Shamhraidh na bliadhna-sa a’ dol air ais gu a freumhan tùsail, a’ toirt oideachas do chom-pàirtichean a tha aig ìre eadar-mheadhanach no adhartach nan cuspair cànain no ciùil. 

Thuirt Caitrìona Anna Nic a’ Phì: “’S e urram air leth a th’ ann a bhith air m’ fhiathachadh air ais gu Sgoil Shamhraidh bhliadhnail Ceòlas.  Mar as àbhaist, ’s e tlachd a th’ ann an t-àrd-ùrlar a roinn le raon eadar-mheasgte de luchd-ciùil agus taoitearan sàr-chliùiteach airson fèis fad seachdaine de dh’oideachadh is dèanamh ceòl, a’ taisbeanadh ar cànan agus ar cultar. Tha a’ bhliadhna seo a’ tarraing ar coimhearsnachdan còmhla agus sinn a’ meòrachadh air cuspair tilleadh-dhachaigh agus an 100mh ceann-bliadhna den SS Marloch a’ fàgail ar cladaichean gus dèanamh air Canada.”  

Bha Iain Dòmhnallach, pìobaire cliùiteach, cluicheadair ioma-ionnsramaideach agus Stiùiriche Ealain Ceòlas, ag ràdh: “Tha ar Sgoil Shamhraidh bhliadhnail a’ cumail oirre a’ fàs agus a’ dol bho neart gu neart. Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air a leithid de bhuidheann thaoitearan tàlantach chun na fèise, a tha a’ gabhail a-steach ceathrar luchd-ealain a’ tighinn à Ceap Breatainn. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri fàilte a chur air luchd-compàirt gu cridhe na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas airson seachdain de dh’ionnsachadh cànain agus oideachadh ionnsramaideach còmhla ri luchd-ealain is taoitearan le cliù aig ìre chruinneil. Bu mhath leinn taing a thoirt do ar luchd-maoin, ar coimhearsnachd ionadail, ar bòrd stiùiridh agus comataidhean ionadail, ar com-pàirtichean a’ gabhail a-steach Cnoc Soilleir agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson an taic leantainnich.”  

Falbhaidh àiteachan glè luath agus mar sin tòisichibh a’ clàradh aig www.ceolas.co.uk.  Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn aig info@ceolas.co.uk no fònaibh gu 01851770711.    

Thòisich prògram fad-bliadhna Ceòlas sa Bhliadhn’ Ùir le àireamh de thachartasan coimhearsnachd san Fhaoilleach mar phàirt de Fhèis Chullaig.  Bha oidhche de dh’òrain is ceòl bho New Tradition agus feasgar de phìobaireachd bho na pìobairean òga ionadail as grinne a th’ ann, nam pàirt den phrògram.  

Ann am meadhan a’ Ghearrain, bheir Ceòlas aoigheachd do sgoil ùr air-loidhne fon ainm Sgoil Fhèill Brìde. Bidh an sgoil air-loidhne a’ gabhail a-steach trì làithean de dh’oideachas cànain is ciùil bho Catriona NicIlleDhuibh, Catriona Nic an t-Saoir, Màiri NicAonghais, Seonaidh Mac an t-Saoir, Iain MacIlleMhìcheil, Robbie Greig is Sophie Stevenson. Bidh dà thachartas a’ gabhail àite san sgoil ùir – cèilidh taighe air-loidhne bho Uibhist air latha Naomh Bhaileintin a bhios a’ nochdadh raon de luchd-ciùil, a’ gabhail a-steach Màiri NicIlleMhaoil, Sìneag Nic an t-Saoir, Màiri Anna NicUalraig, Dòmhnall Ruairidh Caimbeul, Iain Ailig MacAoidh is Shona Masson.  Thèid dàrna Cèilidh na Lasaig a chumail ann an Cnoc Soilleir agus air-loidhne aig deireadh na sgoile air-loidhne. A’ gabhail pàirt sa chèilidh bidh an còmhlan-ciùil ainmeil Sounds of Kilpheadar, Chloe Steele, Janice Simpson, am pìobaire Eòsaph MacNeacail agus buidheann de chluicheadairean òga – Niall Dòmhnallach agus Doireann Marks, fon oideachas aig Pàdruig Moireasdan bho Beinn Lee.      

Gabhaidh ar co-labhairt bhliadhnail àite air 28mh agus 29mh Giblean. Is e eilthireachd cuspair na bliadhna seo agus sinn a’ comharrachadh 100 bliadhna bho dh’fhàg an SS Marloch ar cladaichean airson Red Deer ann an Canada.  Cuiridh oidhche shònraichte de cheòl pìoba tùs air an deireadh-sheachdain. Am measg thachartasan Disathairne bidh cuairt eachdraidheil, òraid agus òrain bho Gillebride MacIlleMhaoil a’ toirt an luchd-èisteachd air slighe an SS Marloch, agus thig an deireadh-sheachdain gu crìch le dannsa teaghlaich.  Tro mhìos a’ Ghiblein, bidh sinn cuideachd a’ cur fàilte air oileanaich bho Oilthigh Ghlaschu a bhios a’ gabhail pàirt ann an trì seachdainean de bhogadh ann an Gàidhlig.  Rè nan trì seachdainean sin, bidh oileanaich ag obair le raon de dh’eòlaichean ionadail ann an  cànan, eachdraidh, croitearachd, iasgach agus cultar ionadail, gus a bhith air am bogadh barrachd sa Ghàidhlig. Nas tràithe air a’ mhìos, bidh Ceòlas ann an com-pàirteachas le Stòras Uibhist agus buidhnean ionadail eile, a’ gabhail pàirt ann an tachartas sònraichte a’ comharrachadh cuimhneachan nan ceud bliadhna aig an SS Marloch ann an Loch Baghasdail, a’ toirt buidheann de chlann bun-sgoile còmhla bho air feadh Uibhist gus òran ùr bho Ghillebride MacIlleMhaoil a chur an gnìomh air àrd-ùrlar.  

Tron bhliadhna, bidh Ceòlas a’ toirt aoigheachd do dh’àireamh de chèilidhean teaghlaich ann an com-pàirteachas le buidhnean eile a’ gabhail a-steach Cothrom, Stòras Uibhist, Fèis Tìr a’ Mhurain agus Tagsa Uibhist.  Tha Ceòlas a’ leantainn orra ag adhartachadh raon de dhiofar luchd-ciùil is còmhlain-ciùil. San t-Sultain, chì sinn an dithis iongantach sin – Aly Bain is Phil Cunningham – a’ tilleadh.         

Tòisichidh ar clasaichean Gàidhlig san t-Sultain agus gheibhear iad ann an Uibhist a thuilleadh air a bhith air feadh an t-saoghail air-loidhne.  Bidh ar taoitearan eòlach a’ tabhann taic le togail cànain agus còmhradh bho ìre tòiseachaidh gu taic do luchd-cleachdaidh aig ìre adhartach ann an gràmar agus gnàthasan-cainnte na coimhearsnachd ionadail. 

Cuiridh Às an Tobar – an fhèis litreachais, crìoch air a’ bhliadhna le sreath de thachartasan a’ taisbeanadh sgrìobhadairean ionadail agus leabhraichean ùra ann an com-pàirteachas le Comhairle nan Leabhraichean (the Gaelic Books Council).

Thuirt Seonaidh Mac an t-Saoir, pìobaire, ball de Trail West agus Stiùiriche Bùird Ceòlas: “Tha mi fìor thoilichte a bhith a’ faicinn a leithid de shreath fharsaing de thachartasan a’ gabhail àite gus cànan, ceòl, cultar agus dualchas na Gàidhlig a chur air adhart sna h-eileanan againn.  Tha mi gu h-àraid toilichte a bhith a’ faicinn sruthadh air tachartasan Ceòlas ga chur an gnìomh, a’ ceadachadh do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail tlachd a ghabhail às an taghadh iongantach de gnìomhaidhean ciùil.  Às leth bòrd stiùiridh Ceòlas, bu mhath leam taing a thoirt do ar luchd-maoin, com-pàirtichean, co-bhuill bùird agus saor-thoilich airson an taic leantainnich. Bu mhath leam taing a thoirt don sgioba obrach aig Ceòlas a tha a’ dèanamh obair ionmholta ag eagrachadh prògram de thachartasan a tha cho farsaing agus cho eadar-mheasgte.”    

Bu mhath le Ceòlas taing a thoirt do ar prìomh luchd-maoineachaidh Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail a thuilleadh air Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba airson an taic a’ dol air adhart. Tha Ceòlas airson taing a thoirt cuideachd do chom-pàirtichean ionadail is nàiseanta uile a tha a’ toirt taic agus ag obair ann an com-pàirteachas le ar pròiseactan, a’ choimhearsnachd ionadail, ar comataidh ionadail de luchd saor-thoileach agus ar Bòrd Stiùiridh.   Bidh barrachd fiosrachaidh mu na tachartasan eile againn uile rim faotainn air an làraich-lìn againn aig www.ceolas.co.uk a thuilleadh air na làraichean mheadhanan sòisealta againn.