Loading Events

« All Events

Sgoil Shamhraidh 2021

DiLuain 5 An t-Iuchar - DihAoine 9 An t-Iuchar

Players at a Concert

‘S ann eadar 5-9 Iuchar a bhios Sgoil Shamhraidh Cheòlais 2021.

Bidh na clasaichean air fad gan cumail air-loidhne tro Zoom, agus tha booking a nisd beò airson na clasaichean. Faicibh an clàr-ama gu h-ìosal airson tuilleadh fios agus brùthaibh an-seo airson clàradh

Bidh cuideachd tachartasan ionadail a’ tachart ann an Uibhist gach feasgar tron t-seachdain, nuair a gheibh sinn cothrom a thighinn còmhla son cuairtean coiseachd, cuairt bhàta no sgrìob dhan chladach. Air sgàth ’s Covid, tha e riatanach gun clàr sibh dha na tachartasan a tha seo agus thèid fiosrachadh a sgaoileadh mu na tachartasan seo a dh’aithghearr.

Bidh ceòl is òrain am pailteas againn fhathast a h-uile oidhche tron t-seachdain, le cuirmean air-loidhne agus cuideachd dà chuirm bheò ann an Uibhist. Sgaoilidh sinn fiosrachadh mu na tachartasan oidhche agus tiocaidean a dh’aithghearr.

Details

Start:
DiLuain 5 An t-Iuchar
End:
DihAoine 9 An t-Iuchar
Event Category: