
Cnoc Soilleir

’S e iomairt chompàirteachaidh eadar Ceòlas Uibhist agus Colaisde a’ Chaisteil UHI a th’ ann an Cnoc Soilleir. Suidhichte sa choimhearsnachd as treasa sa Ghàidhlig, brosnaichidh an t-ionad dualchas agus cànan Gàidhlig na coimhearsnachd.
’S e amas a’ phròiseict ionad a stèidheachadh air a’ Chnoc Shoilleir ann an Dalabrog, le goireasan air an dealbhachadh a dh’aona-ghnothach airson feumalachdan foghlaim LCC/UHI agus tachartasan coimhearsnachd Cheòlais timcheall air ionnsachadh na Gàidhlig, dualchas, cultar, ceòl is dannsa Gàidhealach.
Bidh auditorium barraichte na chois, còmhla ri seòmraichean clàraidh agus teagaisg, tasglann coimhearsnachd agus leabharlann. Bidh an togalach eadar an dà bhuidheann; rè na teirm acadaimeagaich, ’s i a’ Cholaisde as motha a chleachdas e, ach air an fheasgar, air an deireadh-sheachdainean, agus ri linn nan saor-làithean, bidh Ceòlas agus a’ choimhearsnachd ga chleachdadh.
Cuiridh Cnoc Soilleir taic ri fàs Cheòlais, a’ gabhail a-steach na sgoil shamhraidh, Fèis Chullaig, Moladh Uibhist agus Symposium. Agus togaidh e dachaigh airson fàs cleachdadh na Gàidhlig ann an cridhe na coimhearsnachd Ghàidhlig seo.
Cuiridh Cnoc Soilleir taic ri fàs prògram chiùil LCC agus bheir e àite a bharrachd do chùrsaichean nan Gnìomhachasan Cruthachail, a’ cur ri àireamh nan oileanach.

’S e ar n-amas airson Cnoc Soilleir
- Gun tèid ionad sàr-mhàitheis a stèidheachadh airson foghlam, cànan agus cultar na Gàidhlig, le auditorium fìor-mhath na chois
- Gun tèid tachartasan cultarail àrd-chàileachd a ruith air feadh na bliadhna, còmhla ri cothroman trèanaidh agus cosnaidh.
- Gum bi a’ Ghàidhlig aig cridhe ghnothaichean a’ Chnoic Shoilleir, far an tig oileanaich agus luchd-tadhail a-steach airson pàirt a ghabhail nar coimhearsnachd Ghàidhealach.
Thar iomadh bliadhna, tha ionad do cheòl, dannsa is cultar na Gàidhlig air a bhith san amharc aig coimhearsnachd Uibhist. Tha sinn an imis am pròiseact seo a thoirt gu bith, agus thathar an dòchas nach fhada gus an tòisich obair air an làrach fhìn. Sa Mhàrt, 2019, dh’fhoillsicheadh gun deach £1.8m às a’ Mhaoin RCGF agus £1.1m bho HIE a thoirt don phròiseact.
’S e àite a bhrosnaicheas moit nar dualchas agus nar cànan a tha fa-near dhuinn, gu h-àraidh am measg na h-òigridh; far an ionnsaich daoine mu chultar dhùthchasach na sgìre agus far an tèid iad na lùib. Cuiridh e ri Uibhist mar àite-còmhnaidh agus àite a tha tarraingeach son a bhith tadhail ann, a’ toirt adhbhar a bharrachd do dhaoine tighinn a dh’fhuireach ann.