Clàradh a’ fosgladh do Sgoil Shamhraidh Cheòlais 2024!

Clàradh a’ fosgladh do Sgoil Shamhraidh Cheòlais 2024!

Dealbhan: Seonaidh MacInnes

Dh’fhosgail clàradh airson Sgoil Shamhraidh Cheòlais an t-seachdain a chaidh agus tha còrr air leth nan àiteachan air an gabhail mar-thà. Bidh an Sgoil Shamhraidh a’ gabhail àite ann an Uibhist a Deas eadar Didòmhnaich 7mh Iuchar agus Dihaoine 12mh Iuchar.  Thèid an tachartas bliadhnail seo, a bhios a’ comharrachadh an 30mh ceann-bliadhna an ath-bhliadhna, air a chumail ann an dachaigh Cheòlais, a chaidh a thogail a dh’aon ghnothaich –  Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas.  Is e ionad foghlaim is cultair Gàidhlig a th’ ann an Cnoc Soilleir a dh’fhosgail ann an 2022, co-iomairt eadar Ceòlas agus Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Bidh com-pàirtichean san Sgoil Shamhraidh a’ siubhal bho air feadh an t-saoghail gus seachdain oideachais ann an Gàidhlig, òran, ceòl agus dannsa a fhrithealadh, a thuilleadh air raon de cheòl beò gach feasgar.  

Bidh an seinneadair Gàidhlig, Màiri NicAonghais à Uibhist a Deas, aig toiseach sreath de dh’oidean ainmeil a tha aig ìre chruinneil. Bidh Mairead Ford, buannaiche Bonn Òir an t-Seann Nòis, a’ teagasg òrain Ghàidhlig cuideachd.  A’ nochdadh cheanglaichean ciùil làidir na fèise eadar Uibhist a Deas agus Ceap Breatann, bidh an cluicheadair ioma-ionnsramaideach Kyle Dòmhnallach, a’ tilleadh airson na trìtheamh bliadhna aige aig an fhèis agus còmhla ris airson an dàrna turais bidh Kolten MacDonell, a tha à Gleann Comhann ann an Ceap Breatann, a’ cluich na fìdhle is piàna agus na dhannsair ceum cliùiteach. Bidh Gerard Peutan còmhla ris a’ bhuidheann à Ceap Breatann airson dannsa ceum a theagasg, mar a bhios Tara NicFhraing a tha a-nis a’ còmhnaidh ann an Tiriodh.

Tha an cluicheadair ionnsramaidean co-aimsireil is cliùiteach, Karen Marshalsay, gu bhith a’ teagasg clàrsach agus am pìobaire, seinneadair, sgrìobhaiche-ciùil is beul-aithrisiche, Ailean Dòmhnallach, a’ tilleadh a theagasg  Ceòl Mòr is Òran Pìobaireachd.  Am measg nan oidean eile tha an cluicheadair ionnsramaidean agus ball den chòmhlan Beinn Lee, Mìcheal Steele, am fìdhlear ainmeil is sgrìobhaiche-ciùil à Sealtainn, Chris Stout, am pìobaire agus pìobaire balg-sèididh, Ciar Milne, am pìobaire is oide stèidhichte ann an Earbasaig, Iain Ruairidh MacFhionnlaigh, agus an cluicheadair ionnsramaidean is seinneadair Gàidhlig, Ruairidh Gray.     

Nam measg sin, tha an seinneadair, craoladair agus tosgaire ùr Gàidhlig na bliadhna, Linda NicLeòid, a chaidh ainmeachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2023, gu bhith a’ teagasg Gàidhlig còmhla ri dithis eile a chithear gu cunbhalach aig Ceòlas – Caitrìona Chaimbeul agus Caitrìona Nic an t-Saoir.

Lorgar làn liosta de dh’oidean air an làraich-lìn againn aig www.ceolas.co.uk.    

Am measg an t-sreath de thachartasan coimhearsnachd tron latha a bhios a’ dol fad na seachdaine, bidh clas air Seanchas (Folklore), clas a’ taisbeanadh dannsaichean ionadail agus an dannsa ainmeil Coisich le drama (walk with a dram).  An lùib nan tachartasan oidhche, bidh cèilidh an fhosglaidh air oidhche Dhòmhnaich, òrain Ghàidhlig air oidhche Luain, agus chì oidhche Mhàrt na cèilidhean taighe a’ tilleadh, taisbeanadh de phìobaireachd a’ tarraing luchd-èisteachd Diciadain, agus Diardaoin bidh oidhche de dhannsa ri ceòl na fìdhle, agus thig an t-seachdain gu crìch leis a’ Chèilidh Mhòr ainmeil a bhios a’ taisbeanadh an raoin de thàlant thairis air an t-seachdain. Thèid àireamh de thachartasan a chumail cuideachd ann an com-pàirteachas le Fèis Tìr a’ Mhurain agus am-bliadhna chithear na seiseanan anmoch gan cur an aithne air oidhche Ardaoin agus oidhche Haoine. Bidh Ceòlas a’ sruthadh cuid de shusbaint nan oidhcheannan sin air feadh an t-saoghail tro ùrlaran mheadhanan sòisealta agus YouTube.  Tha Ceòlas ag obair ann an com-pàirteachas le Keith Moireasdan, Innleadair Stiuidio Traidiseanta na Bliadhna 2022 aig MG Alba, bhon Wee Studio air Eilean Leòdhais. Bidh barrachd fiosrachaidh mu shruthadh ri fhaotainn a dh’aithghearr. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na tachartasan agus clàradh ri fhaotainn aig www.ceolas.co.uk.  

Thuirt Iain Dòmhnallach, am pìobaire is cluicheadair ioma-ionnsramaideach agus an Stiùiriche Ealain aig Ceòlas: “Mar a  tha sinn aig toiseach ar 29mh Sgoil Shamhraidh, tha sinn togte a bhith a’ cur fàilte air sreath mòr de luchd-ciùil ghrinn bho air feadh an t-saoghail a theagasg aig fèis na bliadhna seo ann an Uibhist a Deas. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri fàilte a chur air com-pàirtichean airson seachdain de dh’ionnsachadh cànain agus oideachadh ann an cluich ionnsramaidean le luchd-ealain agus oidean a tha aig ìre chruinneil.  Bu mhath leinn taing a thoirt do ar luchd-maoineachaidh, ar coimhearsnachd ionadail, ar bòrd stiùiridh agus ar comataidh ionadail, ar com-pàirtichean a’ gabhail a-steach Cnoc Soilleir agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson an cuid taic leantainnich.”  

Is àbhaist àiteachan a bhith a’ falbh glè luath agus mar sin feuch gun clàr sibh aig www.ceolas.co.uk.  Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn aig info@ceolas.co.uk no fòn air 01851770711.   

Tro sheachdain na fèise, thèid plana Gàidhlig ùr agus ùr-ghnàthach Uibhist fhoillseachadh. Air a stiùireadh le Ceòlas agus Buidheann Luchd-ùidhe Gàidhlig Uibhist, bidh am plana seo a’ stiùireadh slighe don Ghàidhlig air feadh Uibhist le dealas dàna agus àrd-amasail a tha gu daingeann a’ togail air an obair ionmholta a tha ga coileanadh a-cheana.

Thuirt Joe MacNìll, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Uibhist: “Bidh foillseachadh air a’ phoileasaidh seo na chlach-mhìle àibheiseach don choimhearsnachd ann an Uibhist. Chì am plana seo modh-obrach com-pàirteachais a bhios a’ togail air an obair mhòr a tha a’ gabhail àite mar-thà ann an Uibhist, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cànan agus cultar air an aiseag gu an ath ghinealach.”  Thèid seirbheis foillseachaidh shònraichte a chumail aig an Sgoil Shamhraidh.  Tha dreuchd an Oifigeir Leasachaidh Ghàidhlig maoinichte le Bòrd na Gàidhlig.    

Thòisich mìosachan thachartasan fad-bliadhna Cheòlais sa Bhliadhn’ Ùr le àireamh de thachartasan coimhearsnachd san Fhaoilleach mar phàirt de Fhèis na Bliadhn’ Ùire.  Anns an Fhaoilleach cuideachd, chunnacas foillseachadh air Rèidio Cheòlais – stèisean rèidio ùr-nodha Gàidhlig air an eadar-lìon agus a’ craobh-sgaoileadh air feadh an t-saoghail.  On a chaidh an stèisean a chuir air a casan, tha daoine air a bhith ag èisteachd bho air feadh an t-saoghail – Canada, Astràilia, An Ungaire agus Beàrnaraigh – a dh’ainmeachadh dìreach beagan dhiubh! Faodaidh sibh èisteachd ris an stèisean tro làrach-lìn Cheòlais, tro app Rèidio Cheòlais (ri fhaotainn san App Store/Android Play Store).  Tha an stèisean a’ leantainn air a’ fàs le preasantairean agus prògraman ùra a thuilleadh air consairtean bho thasglann Cheòlais.  Tha Ceòlas ag obair cuideachd ann an dlùth chom-pàirteachas le MG Alba. Tha Dòmhnall MacEunraig, Cruthaichear Susbaint Coimhearsnachd MG Alba, stèidhichte aig Ceòlas agus a’ cur taic ri leasachadh Rèidio Cheòlais, agus a’ leasachadh, a’ tional, ’s a’ cruthachadh susbaint bhon choimhearsnachd.     

Sa Mhàrt, bidh Ceòlas a’ ruith fèis de dheireadh-seachdain Gàidhlig le làthaireachd phearsanta fon ainm Fèill an Earraich, a thig gu crìch le Consairt Latha Naoimh Pàdraig.  Tro mhìos a’ Ghiblein, cuiridh Ceòlas fàilte cuideachd air oileanaich bho Oilthigh Ghlaschu a bhios a’ gabhail pàirt ann an trì seachdainean de bhogadh ann an Gàidhlig. Tro na trì seachdainean sin, bidh oileanaich ag obair le raon de eòlaichean ionadail ann an cànan, eachdraidh, croitearachd, iasgach agus cultar ionadail,  gus a bhith bogte barrachd sa Ghàidhlig. Tha àiteachan cuibhrichte do luchd-ionnsachaidh Gàidhlig aig ìre B2, a tha airson a bhith air a’ chùrsa. agus thèid mion-fhiosrachadh ainmeachadh a dh’aithghearr. Bidh Ceòlas ag obair cuideachd ann an com-pàirteachas le Tobar an Dualchais air an 18mh agus an 19mh Giblean airson co-labhairt dà-latha de dh’òraidean air an tasglann agus na tha glèidhte san tasglann. Bidh seo fosgailte don phoball agus bidh clàradh ri fhaotainn sna seachdainean a tha romhainn. Thig an tachartas dà-latha seo gu crìch le cèilidh speisealta fon ainm Dualchas Uibhist.  Sa Chèitean, tha sinn air leth toilichte a bhith a’ toirt aoigheachd do Dheireadh-seachdain Còmhnaidheachd Chruthachail a bhios a’ cuimseachadh air sgrìobhadh òrain agus co-dhèanamh fhuinn. Thèid na bùithtean-obrach a stiùireadh leis an t-seinneadair Ghàidhlig agus am bàrd, Alasdair MacIlleBhàin à Eilean Mhuile, agus an cluicheadair ioma-ionnsramaideach, sgrìobhaiche-ciùil agus rèitiche-ciùil, Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh.       

Thèid co-labhairt bhliadhnail Cheòlais a chumail aig toiseach an Lùnastail. Bidh a’ cho-labhairt a’ cuimseachadh air dà chuspair – Bailtean Trèigte Uibhist agus an Dàrna Sealladh. Thèid mion-fhiosrachadh mun tachartas chòig-latha seo fhoillseachadh ann an ùine nach bi fada.  

Tron bhliadhna, bidh Ceòlas a’ toirt aoigheachd do dh’àireamh de chèilidhean teaghlaich ann an com-pàirteachas le buidhnean ionadail eile, a’ gabhail a-steach Cothrom, Stòras Uibhist, Fèis Tìr a’ Mhurain agus Tagsa Uibhist.  Tha Ceòlas a’ leantainn air ag adhartachadh raon de dhiofar luchd-ciùil agus còmhlain. San Ògmhios tha còmhlan ainmeil Dàimh a’ cluich ann an Griomasaigh agus Uibhist a Deas, agus san t-Sultain chithear an dithis iongantach sin – Aly Bain is Phil Cunningham – a’ tilleadh.      

Tòisichidh ar clasaichean Gàidhlig fad-bliadhna san t-Sultain le solar ri fhaotainn ann an Uibhist cho math ri air feadh an t-saoghail.  Bidh ar n-oidean eòlach a’ toirt taic le togail cànain agus còmhradh bho ìre tòiseachaidh gu taic do luchd-ionnsachaidh adhartach le gràmar agus gnàthasan-cainnt ionadail. Bidh ar seiseanan Cabadaich le Ceòlas a’ ruith san Ògmhìos agus san t-Sultain.  

Thuirt Iseabail NicAonghais, Cathraiche Bòrd Cheòlais: “Tha mi air leth toilichte mar Chathraiche Cheòlais a bhith a’ faicinn a leithid de thachartasan a’ gabhail àite ag adhartachadh na Gàidhlig, ceòl, cultar is dualchas ar n-eileanan. Tha sinn a-nis air ar deagh stèidheachadh nar dachaigh, Cnoc Soilleir, an seo ann an Dalabrog còmhla ri ar com-pàirtichean Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – Tuath, an Iar agus Innse Gall.  Tha an com-pàirteachas cruth-atharrachail seo a’ ceadachadh dhuinn fàs agus ar n-obair a leasachadh taobh a-staigh ar coimhearsnachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, fhad ’s a tha sinn a’ gnìomhadh gu co-obrachail  air pròiseactan coimhearsnachd, acadaimigeach agus rannsachaidh le UHI NWH.  Bidh Ceòlas a’ foillseachadh ar Plana Ro-innleachdail 2024 – 2029 a dh’aithghearr – plana àrd-amasail mu choinneamh an ama ri teachd. Às leth bòrd-stiùiridh Cheòlais, bu mhath leam taing a thoirt do ar luchd-maoineachaidh, com-pàirtichean agus saor-thoilich airson an taic leantainnich. Bu mhath leam taing a thoirt don sgioba obrach aig  Ceòlas a tha a’ dèanamh obair mhìorbhaileach ag eagrachadh a leithid de chlàr thachartasan a tha cho mòr agus eadar-mheasgte.”   

Bu thoigh le Ceòlas taing a thoirt do ar prìomh luchd-maoineachaidh, Bòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, athuilleadh airComhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba airson an taic leantainnich.  Bu mhath le Ceòlas taing a thoirt cuideachd do chom-pàirtichean ionadail is nàiseanta uile a tha a’ cur taic ri agus ag obair ann an com-pàirteachas le ar pròiseactan, a’ choimhearsnachd ionadail, ar comataidh ionadail de shaor-thoilich agus ar Bòrd Stiùiridh.  

Bidh tuilleadh fiosrachaidh mu thachartasan eile uile ri fhaotainn air an làraich-lìn againn aig www.ceolas.co.ukagus air ar làraichean mheadhanan sòisealta.