Ceannard Ùr airson Ceòlas

Ceannard Ùr airson Ceòlas

Tha Ceòlas toilichte ainmeachadh gur e John Joe MacNèill, o thùs à Barraigh, a’ chiad Cheannard aig Ceòlas.  Tha John Joe a’ tighinn chun na buidhne ri eòlas farsaing ann am foghlam agus ceannardas, le ùidh mhòr ann an Gàidhlig, cultar agus dualchas.

Thuirt Cathraiche a’ Bhùird, Màiri NicAonghais – “Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil John Joe air an obair ùr chudromach seo a ghabhail os làimh, dreuchd a tharraing iomadh thagraiche.  Tha e a’ toirt grunn sgilean chun na h-obrach seo a bhios deatamach airson leirsinn Cheòlais a thoirt air adhart.  Tha sàr-eòlais aig John Joe air a bhith a’ stèidheachadh bhuidhnean ann an togalaichean ùra, mar Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar anns a’ Chaol, rud a bhios luachmhor dhuinn agus sinn air gluasad chun an togalach ùr againn – Cnoc Soilleir. A bharrachd air an sin, tha an tuigse a th’ aig John Joe air foghlam Gàidhlig gu bhith na bhuannachd dhuinn, a’ cur ris ar luachan a bhith a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig.  Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do John Joe agus e a’ gluasad air ais a dh’ Uibhist.” 

Thuirt John Joe – “’S e urram air leth a th’ ann dhomhsa an obair ùr seo a ghabhail os làimh.  Tha cànan, foghlam, òrain, ceòl, ealain, cultar agus dualchas na Gàidhlig na prìomhachas dhomh.  Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leasachadh na h-obrach iongantaich tha a’ bhuidheann air a choileanadh gu ruige seo.  Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ris an luchd-obrach, buill a’ bhùird, a’ chomataidh ionadail, agus com-pàirtichean airson Ceòlas a thoirt air adhart.”