Cathraiche Ùr aig Ceòlas Uibhist
Chaidh Isabell NicAonghais ainmeachadh mar an Cathraiche ùr aig Ceòlas Uibhist.
Tha Isabell air a bhith air a’ bhòrd-stiùiridh aig Ceòlas airson mòran bhliadhnaichean agus tha i anabarrach dìcheallach a thaobh cànan, ceòl, òrain agus dualchas na Gàidhlig. Tha i ag obair do NHS nan Eilean Siar mar Eòlaiche Banaltram Dìon Slàinte is Sgrionaidh.
Thuirt Isabell – “Is e urram mòr a th’ ann dhomh a bhith a’ gabhail dreuchd a’ chathraiche. Bu mhath leam mo thaing a thoirt do Mhàiri NicAonghais a tha air bòrd Cheòlais a stiùireadh fad iomadh bliadhna. Leanaidh Màiri oirre mar stiùiriche air a’ bhòrd gus cuideachadh leis an ath ìre de Chnoc Soilleir a thoirt gu buil.”

Lean Isabell oirre – “Tha Ceòlas ann an deagh àite le bòrd-stiùiridh agus comataidh ionadail làidir. Tha mi airson fàilte a chur air na buill ùra a chaidh fhastadh chun a’ bhùird agus a’ chomataidh agus taing a thoirt dhaibhsan uile a tha a’ toirt a leithid de thaic luachmhor don bhuidheann. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris an luchd-ùidhe uile gus fàs agus soirbheachas Cheòlais a chumail a’ dol. Tha mi a’ coimhead air adhart cuideachd ri Plana Obrachaidh is Ro-innleachd 2024-29 fhoillseachadh nas fhaide air adhart am-bliadhna.”
Thuirt Màiri NicAonghais – “Tha e air a bhith na shochair dhòmhsa thar mòran bhliadhnaichean mar Chathraiche a bhith ag obair gu dlùth leis a’ bhòrd, a’ chomataidh agus na buill-obrach aig Ceòlas, ag adhartachadh a’ bhuidhinn gu ìre nàiseanta is eadar-nàiseanta às leth na Gàidhlig agus a cultar. Cha ghabhadh seo a bhith air a dhèanamh às aonais taic leantainneach ar luchd-maoineachaidh – Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus tabhartaichean prìobhaideach. Tha euchd shònraichte Chnoc Soilleir mar nì às am faod coimhearsnachd Uibhist a Deas uaill agus tlachd a ghabhail. Tha Isabell NicAonghais freumhaichte sa Ghàidhlig agus a dualchas agus na roghainn sàr-mhath mar Chathraiche gus Ceòlas a thoirt chun na h-ath ìre de thuras. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh dhi.”
Tha Pauline NicDhòmhnaill a’ tighinn air ais air a’ bhòrd an dèidh a bhith a’ coileanadh obair Manaidsear Eadar-amail mus deach ar Ceannard a chur an dreuchd. Tha Pàdruig Moireasdan, a tha na bhall de chòmhlan Uibhisteach traidiseanta Beinn Lee, a’ tighinn air a’ bhòrd cuideachd.
Am measg buill eile air a’ bhòrd aig Ceòlas, tha Iseabail NicDhòmhnaill, Seonaidh Mac an t-Saoir, Julia NicÌosaig, Sarah NicAoidh, Uilleam Mac a’ Phì agus Ailig O’ Henley.
Bidh an sgoil shamhraidh bhliadhnail aig Ceòlas a’ gabhail àite eadar Didòmhnaich 2na Iuchar agus Dihaoine 7mh Iuchar.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun bhòrd-stiùiridh agus ar tachartasan uile air an làraich-lìn againn aig www.ceolas.co.uk a thuilleadh air ar làraichean mheadhanan sòisealta.