Roinn-seòrsa: Uncategorised

Sgoil Shamhraidh 2021 – clàradh son clasaichean

Tha clàradh a-nisd fosgailte airson clasaichean air-loidhne mar phàirt de Sgoil Shamhraidh Cheòlais!

‘S ann eadar Diluain 5mh agus Dihaoine 9mh a bhios clasaichean a’ dol air adhart, ann am measgachadh de chuspairean bho cheòl is dannsa gu cànan is seinn. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chur oirbh ged nach bidh sinn uile còmhla.

Feumar clàradh tro làrach-lìn Cheòlais agus ’s iad an fheadhainn as luaithe a chlàras a gheibh àite sna clasaichean. Ma bhios duilgheadasan sam bith agaibh leis an làrach-lìn, cuiribh fios thugainn air info@ceolas.co.uk

Bidh prògram ionadail de thachartasan a’ dol air adhart tron t-seachdain cuideachd, agus thèid tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh mun a sin anns na seachdainean ri thighinn.

Roinn-seòrsa: Uncategorised

Cuirm Pìobaireachd: Seumas Donnchadh MacCoinnich

Cuirm pìobaireachd, 27 Iuchar, gus an symposium coimhearsnachd a chomharrachadh.

‘S e Seumas Donnchadh MacCoinnich à Leòdhas a tha a’ cur na h-Oidhche Pìobaireachd againn air bhonn. Às dèidh dha ceum fhaighinn aig Colaiste a’ Chaisteil UHI ann an Uibhist agus aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba, chuir Seumas seachad bliadhnaichean a’ siubhal air feadh an t-saoghail leis a’ chòmhlan chliùiteach, Breabach. Tha e air stoidhle ealanta, ceòlmhor a’ chruthachadh dha fhèin, agus tha am blas sin air a dheagh riochdachadh. Na chuideachd, bidh ceathrar phìobairean òga à Uibhist ’s Barraigh. Nach sinn a tha fortanach!

https://www.facebook.com/ceolasuibhist/posts/3097921743630790

Air neo air Youtube: https://www.youtube.com/watch?v=UVNdrFMig_4



Roinn-seòrsa: Uncategorised

An Cèilidh Mòr, 10 Iuchar, 2020

Thèid An Cèilidh Mòr a chumail air loidhne air DihAoine, 10 dhen Iuchar aig 9f gus an sgoil shamhraidh, a chuireadh dheth ri linn a’ choròna-bhìorais, a chomharrachadh.

’S ann air Facebook is Youtube a choimheadar a’ chuirm, sam bi luchd-teagaisg bho sgoiltean thar nam bliadhnaichean a’ cluich. Thèid duilleag a chur air dòigh far am faod an luchd-èisteachd tabhartas-airgid a dhèanamh.

Tron Òg-mhios, bidh Ceòlas a’ cur chlàraidhean bho sheann chuirmean an-àirde air na meadhanan sòisealta gach seachdain.

San eadar-àm, leanaidh Ceòlas air ag ullachadh airson na h-imprig gu Cnoc Soilleir. Tòisichidh obair-togail a-rithist air an làraich a dh’aithghearr, a rèir stiùireadh Riaghaltas na h-Alba.

Fhuair Ceòlas taic luach £166,155 o Mhaoin Aspiring Communities aig Riaghaltas na h-Alba thairis air an dà bhliadhna ri teachd. Bidh seo a’ toirt leudachadh air an luchd-obrach gus fàs a thoirt air obair ealain is dannsa na buidhne agus compàirteachadh a neartachadh.

Tha craoladh a’ Chèilidh Mhòr a’ faighinn taic o Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus LEADER Innse Gall.

Roinn-seòrsa: Uncategorised

Sgoil Shamhraidh Cheòlais air a cur dheth

Ri linn stiùireadh an riaghaltais a thaobh a’ chorònabhìorais, tha Ceòlas a’ cur a’ phrògraim samhraidh avca dheth, a’ gabhail a-steach na sgoile samhraidh (5-10 dhen Iuchar), symposium coimhearsnachd (26-28 dhen Iuchar) agus a’ chùrsa bogaidh (27-30 dhen Iuchar).

Thèid cìsean a phàigheadh ais ais do na h-oileanaich a bh’ air clàradh agus thèid cùmhnantan an luchd-teagaisg a choileanadh. Tachraidh comharraichean na 25mh bliadhna air an ath bhliadhna aig an sgoil shamhraidh a bhios ann eadar 4-9 dhen Iuchar, 2021.

Thathas a’ còmhradh ri luchd-teagaisg feuch an tig iad air ais an ath-bhliadhna. Tha gach coltas gun tèid cuspair a’ symposium air Crìostachd thràth Uibhist a chleachdadh a-rithist ann an 2021, ri linn Colmcille 1500.

Ann an co-dhùnadh nas tràithe air a’ mhìos, chaidh gach tachartasan gu ruige an Ògmhios a chur dheth, no a chur air loidhne mar a b’ iomchaidh.

Tha bòrd-stiùiridh agus luchd-obrach Cheòlais ag obair gus ìomhaigh na buidhne a chumail an-àirde air loidhne agus nì sinn ar dìcheall pìosan dhen sgoil shamhraidh 2020 a lìbhrigeadh thugaibh gu didseatach ann an dòigh air choireigin.

Thoiribh an aire oirbh fhèin.

Roinn-seòrsa: Uncategorised

Naidheachd Cnoc Soilleir a’ Mhàirt

Ùrachadh: chaidh obair air an làraich a stad ri linn èiginn a’ choròna-bhìorais, a rèir stiùireadh on riaghaltas.

Thòisich obair air an làraich aig meadhan an Fhaoilltich 2020, agus tha dùil gun crìochnaichear ìre 1 as t-earrach 2021.

Tha an obair-chladhaich an ìre mhath ullamh, agus tha a’ mhòine air a thoirt a-mach ’s a’ chreag air a pronnadh gus rathad ùr agus fo-stèidh an togalaich a leagail.

‘S e cur a-steach an leac-stèidh agus insulation an togalaich an ath ìre dhen obair-togail, a thòisicheas tràth sa Ghiblean.

Tha dùil gun togar am frèam stàillinn mu dheireadh an Ògmhios, agus an làr shuas agus ballachan is mullach na dhèidh sin.

Bha dùil againn seisean fiosrachaidh a chur air dòigh do choimhearsnachd a’ Chinn a Deas gus an naidheachd seo a chumail riutha. Ach le suidheachadh Covid-19 an ceart uair, cha robh e comasach dhuinn sin a dhèanamh is thèid naidheachd a sgaoileadh tron làraich-lìn seo agus air na meadhanan sòisealta.

Ma tha an tuilleadh cheistean oirbh, cuir fios gu Catherine Yeatman, manaidsear a’ phròiseict Cnoc Soilleir air catherine@cnocsoilleir.org.

Roinn-seòrsa: Uncategorised

‘Càirdeas Coimhearsnachd’: pròiseact cànain gus tòiseachadh an Uibhist a Deas

Bidh pròiseact pìleat a’ tòiseachadh air an ath bhliadhna ag amas air cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh ann an coimhearsnachd Uibhist a Deas.

’S e amas a’ phròiseact, air a bheil ‘Càirdeas Coimhearsnachd’, gun tèid daoine a tha fileanta anns a’ Ghàidhlig a chur còmhla ri diofar bhuidhnean aoise ann an suidheachaidhean sòisealta Gàidhlig ach an neartaich sin briathrachas, cleachdadh agus càirdeasan tron chànan. Tha e stèidhichte air na prògraman cànain a thathar a’ ruith ann an Alba Nuadh le Oifis Iomairtean na Gàidhlig, a leithid ‘Bun is Bàrr’ agus ‘Na Gaisgich Òga’.

’S iad Ceòlas Uibhist agus Comunn na Gàidhlig a bhios a’ stiùireadh a’ phròiseict, le taic o Chothrom Ltd agus Comhairle nan Eilean Siar. Tha am pròiseact air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Bidh am pròiseact a’ ruith eadar an Gearran agus an t-Ògmhios, 2020. Thathar a’ siubhal airson dhaoine a bhiodh deònach pàirt a ghabhail sa phròiseact, gu sònraichte pàrantan le clann òg a tha fo aois P4, deugairean ann an S1-S3, agus daoine a tha fileanta sa Ghàidhlig os cionn 18 bliadhna. Gheibh daoine a tha fileanta airgead mu choinneamh na h-ùine a bhios iad a’ cosg air a’ phròiseact.

Bidh am pròiseact seo ag amas air sgilean agus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh am measg nam buidhnean tro dhiofar sheiseanan gan ruith gus sin a dhèanamh. Gheibh pàrantan taic phragtaigeach a thaobh a bhith a’ togail an cuid chloinne le Gàidhlig, mar eisimpleir.

Thuirt Màiri Ann Chaimbeul, o Chomunn na Gàidhlig, a bhios os cionn sruth nan deugairean: “Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair ann an compàirteachas air a’ phròiseact ùr seo. Tha co-obrachadh gu math cudromach ann an coimhearsnachdan beaga mar a tha Uibhist agus tha sinn toilichte gum bi grunnan bhuidhnean eile an sàs ann.

“Tha mi faicinn seo mar chothrom air leth do dheugairean son ionnsachadh bho dhaoine eile anns a’ choimhearsnachd mu dhiofar chuspairean.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Cuiridh am pròiseact ùr seo ri amasan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig ann am barrachd shuidheachaidhean. ’S e cothrom air leth a th’ ann do dhaoine òga ionnsachadh o eòlas dhaoine nas sine agus beairteas a’ chànain a thoirt air adhart tro na ginealaichean.”

Airson an tuilleadh fiosrachaidh, theirigibh gu làrach-lìn Cheòlais air neo cuiribh fòn gu 01878700154.

Roinn-seòrsa: Uncategorised

Maoin ga togail don phròiseact Bogha is Fìdheall

Bha Ceòlas soirbheachail ann a bhith a’ togail airgead dhan phròiseact ‘Bogha is Fìdheall’, aig a bheil an t-amas dualchas na fìdhleadh agus a’ bhogsa-phutain ath-bheòthachadh ann an Uibhist am measg na h-òigridh.

Chaidh còrr is £6,000 a thogail o na comhairlichean ionadail, Urras Leasachaidh nan Eileanan Siar agus Maoin Coimhearsnachd a’ Choop. Bidh Ceòlas cuideachd a’ dol a-steach dhan Mhaoin Coimhearsnachd a-rithist air an ath bhliadhna.

Tha an naidheachd seo a’ ciallachadh gun lean am pròiseact, a tha a’ toirt ionnsachadh seachdaineil do chòrr is 50 duine-chloinne ann an Uibhist, air fad bliadhna eile. Thòisich am pròiseact ann an 2015.

Bu mhath le Ceòlas facal taing a thoirt don luchd-mhaoineachaidh airson na taice cudromaiche aca dhan phròiseact, a thigeadh gu crìoch mura do nochd an taic seo, agus dha buill a’ Choop a thagh an cathrannas againn mar bhuidheann.