Càirdeas Coimhearsnachd

Bidh Ceòlas Uibhist & Comunn na Gàidhlig a’ ruith pròiseact ionnsachaidh eadar-ghinealach ann an Uibhist a Deas, le taic o Cothrom Ltd agus Comhairle nan Eilean Siar, eadar am Faoilleach ‘s an t-Ògmhios 2020. Fhuair am pròiseact seo maoineachadh o Bòrd na Gàidhlig.
Tha am pròiseact seo stèidhichte air Bun is Bàrr a th’ air a ruith gu soirbheachail fad grunn bhliadhnaichean le Oifis Iomairtean na Gàidhlig ann an Alba Nuadh, Canada.
Bidh trì buidhnean aoise a’ gabhail pàirt – pàrant & clann; deugairean; Gàidheil fhileanta – a thèid an cur còmhla ann an suidheachaidhean sòisealta Gàidhlig. Bidh na Gàidheil fhileanta ag obair còmhla ris an dà bhuidheann eile ann an caochladh dhòighean, agus bidh corra chèilidh ann far an tig gach aois còmhla.
Is iad prìomh amasan a’ phròiseict phìleit seo:
- Cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig fhàs am measg nan trì bhuidhnean-aoise seo agus ionnsachadh thar-ghinealach a neartachadh ann an Uibhist;
- Feuch an tèid pròiseact cànain cunbhalach mar seo a stèidheachadh aig ìre coimhearsnachd;
- Barrachd Ghàidheal fileanta a thoirt a-steach gu ionnsachadh cànain;
- Aire na coimhearsnachd a thogail do dh’iomairtean cànain ann an Uibhist, agus compàirteachas a bhrosnachadh eadar buidhnean;
- Deagh eisimpleir a chur air adhart air iomairt cànain coimhearsnachd ann an Alba.
Pàrantan is Clann; Gàidheil Fhileanta
Bidh sruth Phàrant is Chloinne gan ruith fo sgèith Cheòlais agus sruth nan Deugairean gan ruith fo sgèith Chomann na Gàidhlig (cuir fios gu Màiri Ann Chaimbeul). Tha sinn a’ siubhal phàrantan is Ghàidheal fileanta sa chànan a bhios deònach pàirt a ghabhail sa phròiseact.
Tha sinn a’ siubhal phàrantan aig a bheil:
- Clann le aois eadar 0 agus Clas 4 sa bhun-sgoil;
- Ùidh an cuid chloinne a thogail le Gàidhlig, a’ gabhail a-steach FtG;
- Ìre air choireigin de chànan na Gàidhlig.
Tha sinn a’ siubhal Ghàidheil fhileanta aig a bheil:
- A’ Ghàidhlig gu fileanta;
- Eòlas air clann a thogail sa Ghàidhlig, air neo fiosrachadh mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig (airson sruth nam pàrantan is clann)
Cuiribh fios gu Ceòlas – info@ceolas.co.uk, Peigi Ann peggyann@ceolas.co.uk air neo 01878700154