Ar n-Obair > Dualchas
Dualchas
Eòlas nan Naomh
Ann an 2021, bidh 1500 bliadhna ann on rugadh Calum Cille. Mar phàirt de chomharraichean eadar-nàiseanta air an naomh ainmeil seo a bhios a’ tachairt timcheall Slighe Chaluim Chille, tha Ceòlas a’ gabhail rannsachadh os làimh air Crìosdachd thràth Uibhist, a’ gabhail a-steach nan naomhan a bha ann an Uibhist an dèidh linn Chaluim Chille. Tha ainmean-àite, sgrìobhaidhean tràtha, beul-aithris na Gàidhlig, agus eile, a’ soilleireachadh na h-eachdraidh seo.
- Ainmean-àite agus Vita Sancti Cainnechi: eadar 2016-20, bha Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu a’ rannsachadh agus a’ dealbhachadh làrach-lìn leis an fhianais as ùire againn air ainmean-àite Crìostail Uibhist. Tha i ri fhaighinn an seo: uistsaints.co.uk.
- Cruinneachadh Beul-aithris ann an Uibhist: bidh Ceòlas a’ cruinneachadh agus a’ clàradh naidheachdan is seanchas Gàidhlig a th’ aig daoine ann an Uibhist mu na seann naomhan ann an Uibhist, a leithid Choinnich, Brìde agus eile.
- Pròiseact Crìostachd thràth Uibhist: ann an 2020, bithear ag ullachadh airson bliadhna Chaluim Chille a chomharrachadh ann an 2021.