Ar n-Obair > Bogsa & Fìdheall

Bogsa & Fìdheall

Bogsa & Fìdheall

Bidh ‘Bogsa is Fìdheall’ a’ toirt chlasaichean-ciùil do chlann aois 8 bliadhna agus suas, agus cuideachd a’ gabhail a-steach inbheach. Chan eil àite ri fhaighinn airson na clasaichean Bogsa an-dràsta.

San teirm seo bidh sinn a’ tabhann teagasg aghaidh ri aghaidh ann am fidheall agus piana son clann aois clas 4 air adhart. Tha sinn ag iarraidh do dhaoine fios a chur thugainn son ‘s gun cuir sinn luchd-teagaisg agus àitichean air dòigh.

Ma tha ùidh agaibh, lìonaibh am foirm seo agus cuiribh thugainn e.

Tha Ceòlas air maoineachadh a thrusadh gus am pròiseact a chumail a’ dol. Le taic o Mhaoin Leasachaidh nan Eileanan Siar, na comhairlichean ionadail agus Maoin a’ Cho-op, bidh am pròiseact seo a’ toirt ionnsachadh do 50 duine-chloinne ann an Uibhist.