News > Sgoil Shamhraidh 2021 – clàradh son clasaichean

Sgoil Shamhraidh 2021 – clàradh son clasaichean

Tha clàradh a-nisd fosgailte airson clasaichean air-loidhne mar phàirt de Sgoil Shamhraidh Cheòlais!

‘S ann eadar Diluain 5mh agus Dihaoine 9mh a bhios clasaichean a’ dol air adhart, ann am measgachadh de chuspairean bho cheòl is dannsa gu cànan is seinn. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chur oirbh ged nach bidh sinn uile còmhla.

Feumar clàradh tro làrach-lìn Cheòlais agus ‘s iad an fheadhainn as luaithe a chlàras a gheibh àite sna clasaichean. Ma bhios duilgheadasan sam bith agaibh leis an làrach-lìn, cuiribh fios thugainn air info@ceolas.co.uk

Bidh prògram ionadail de thachartasan a’ dol air adhart tron t-seachdain cuideachd, agus thèid tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh mun a sin anns na seachdainean ri thighinn.